Eaconamaidh Na H-Éireann

Nuair a fhuair na 26 siorrachd de Saorstait na h-Éireann saorsa bho Sasunn ann an 1921, bha eaconomaidh na h-Éireann gu ìre mhòr stèidhichte air tuathanas.

Suidheachadh a bha air an leasachadh tro an dara leth den 19mh linn, agus gnìomhachasan giollachaidh na h-Éireann a' fuiling an comh-fharpais le giollachadh Sasunnach.

Cho anamoch ri 1951, bha 73% de rath dùthchail na h-Éireann a' crochadh air àiteachas neo giollachadh de bathar ceangailte ri àiteachas. Re na 1950an thoisich Éireann iomairt a tharruinn im-bheisticheadh chun tìre, iomairt a bhuann leasachadh de geilleagar giollachais eadar 1960 agus 2000.

Eaconamaidh Na H-Éireann
Làn-thoradh Dùthchail na h-Éireann eadar 1993 is 1999

Ro deireadh na 1990an thoisich gnìomhachasan seirbhis a dol an meud an Éireann, agus le sluagh na h-Éireann a' fàs, bha gannad de taigheadas. As deidh 2003, bha atharrachadh bun-àiteach an geilleagar na h-Éireann, agus lean fiabhras togail leis a' mhargaid airson taigheadas agus ionadan malairt ag éirigh aig luathsnach do-sheasmhach. Ranaig prìsean taigheadas sgurr ann an 2006. Roimhe 2008 bha bancaichean na h-Éireann a' sas an margaidean fiach-taigheadas nan Stàitean Aonaichte, agus nuair a thuit margaid maoinichidh nan Stàitean Aonaichte lean tuiteam gu h-obann san margaidh airson taighean, fearann agus bùithtean ann an Éireann.

Dh'aobharaich seo crìonadh an Eaconomaidh na h-Éireann, agus anns an t-Sultain de 2008, bha cunnart gun tuiteadh coras bancaireachd na dùthcha a-mach as a chéile. Thug an Riaghaltais gealladh taic de luach Eu 400,000,000,000 do luchd-sàbhalaidh le airgead aig na bancaichean agus thoisichan riaghaltas agus ùghdarrasan ionadail a ghearradh turasdailean de seirbhisich poballach, poileasaidh a lean iomadh gnìomhachasan prìobhaideachd anns a' bhad.

Cha mhòr nach deach Éirinn banc-bhriste an Sultain 2010, agus air 28 Samhuinn 2010, dh'aontaich Minisdeirean Maoinichidh nan Stàitean 'san Aonadh Eòrpach còmhla ri Lar-banca na h-Eòrpa ri pasgan maoineachaidh do Riaghaltas na h-Éireann de Eu 85,000,000,000 aig riadh de 5.7%.

Tags:

1921EaconomaidhSasainn

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

Noam Chomsky30 an t-Samhain85Gavrilo PrincipKarachi88150an2021Washington, D.C.Chepman and Myllar PressMusicBrainzCnòTiùbaAn Garradh Thlachdan TalmhaidhBorneoFLagosCo-nasgadh nam MuiscaNa h-Eileanan Siar1912Poblachd na SìneNa h-Eileanan a-staighISOBìoballDraoidhRomulus agus RemusAstràiliaLiosta dhaoine às a' ChuimrighFaoiteagAm Bàs DubhAildiriaSluagh-Phoblachd na Sìne249Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba1656Toomas Hendrik IlvesJohann Wolfgang von GoetheGàidhligFiodh29Àireamh-shluaighGearmailtisA' PhortagailCatarCòcaireachdCSSDohaJarosław DąbrowskiGiosuè CarducciArabaisEanraig Caimbeul-MacGille-na-BrataichGàidhealtachd na h-AlbaAlbert EinsteinLeabhar-eòlaisJean-Marie LehnDoricNa h-InnseachanSpeactram an t-SolaisA' Ghrèig800Ball-coiseBarbadosDi-ArdaoinHindiSealtainnSulawesiLao ZiAm PlocBeart-chlòBancaAn Cogadh MòrWhitehorseUtrechtGini Mheadhan-ChriosachIoràc🡆 More