Dotaireachd

'S e am prògram foghlaim as àirde ann am mòran oilthighean a th' ann dotaireachd (Laideann: docere “teagasg”).

Tha e a' toirt a-steach greiseag far am bithear a' teagasg agus a' dèanamh rannsachaidh, le leughadh poblach aig deireadh pròiseact no tràchdas dotaireil air cuspair sònraichte. Tha an dotaireachd eadar-dhealaichte bho na mhaighstirean no prògraman coltach ris oir tha co-phàirt teòiridheach làidir aice a tha ag amas air rannsachadh oilthighe. 'S ann aig ìre ISCED 8 a tha dotaireachd. Tha cùrsaichean iar-cheumnach ann, a thathas a' meas mar an aon ìre ISCED ris an PhD oir is e leudachadh no tagraidhean a th' annta gu tric. A rèir Èigheachd Bhologna agus am frèam foghlaim àrd-ìre ùr san Aonadh Eòrpach, tha i a' freagairt ris an treas cearcall de sgrùdaidhean oilthigh. Ann an iomadh dùthaich, 's e th'ann tha riatanas airson a bhith na ollamh oilthighe. Tha i a' toirt a-steach ceum maighstireachd, obair a bheir a’ chòir air ceum eadar-mheadhanach agus an tràchdas deireannach, air ullachadh leotha fhèin, le cuideachadh bho stiùiriche tràchdas agus oide. Tha dotairean ceangailte ri roinnean a tha a' riochdachadh nan diofar roinnean eòlais. Tha fad caochlaideach aca, gun a bhith nas lugha na trì bliadhna.

Dotairean Ainmeil

Tràchdasan PhD Sgrìobhte anns a' Ghàidhlig

  • Dòmhnall Uilleam Stiùbhart (1997) An Gàidheal, a’ Ghàidhlig, agus a’ Ghàidhealtachd san t-Seachdamh Linn Deug. Oilthigh Dhùn Èideann.
  • Roy Wentworth (2004) Rannsachadh air Fòn-eòlas Dualchainnt Ghàidhlig Gheàrrloch, Siorrach Rois. Sàbhal Mòr Ostaig/Oithigh Obar Dheathain.
  • Aonghas MacCoinnich (2004) Tùs gu Iarlachd: Eachdraidh Clann Choinnich, c1466-1638. Oilthigh Obar Dheathain.
  • Timothy Currie Armstrong (2009) Stèidheachadh Ghnàthan-cànain Ùra: Cuairteachadh Ideòlais-chànain ann an Trì Gaeltachtaí Nua. Sàbhal Mòr Ostaig/Oilthigh Obar Dheathain.
  • Sìm Roy Innes (2011) Cràbhachd do Mhoire Òigh air a’ Ghàidhealtachd sna Meadhan-aoisean Anmoch, le Aire Shònraichte do Leabhar Deadhan Lios Mòir. Oilthigh Ghlaschu.
  • Aonghas Uilleam Gearóid Mac Leòid (2014) An Dàn Fada Gàidhealach – 1900-1950: Sgrùdadh ioma-chuspaireil air corpas air dìochuimhne. Oilthigh Ghlaschu.
  • Sìleas NicLeòid (2014) Cànain agus Cultar ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig: Neartan, Duilgheadasan agus am Buaidh air Comasan is Seasamhan Cànain na h-Òigridh. Sabhal Mòr Osgaig/Oilthigh Obar Dheathain.
  • Tòmas MacAilpein (2017) Cultar agus an comann-sòisealta ann an Ìle, mu 1890 gu 1960. Oilthigh Ghlaschu.
  • Catrìona Mòrag NicNèill (2018) Telebhisean mar ghoireas poileasaidh cànain: a chleachdadh aig cloinn dà-chànanaich. Sabhal Mòr Osgaig/Oilthigh Obar Dheathain.
  • Iain Gray Howieson (2021) Bàrdachd Baile an Naoidheamh Linn Deug – Ath-mheasadh. Sabhal Mòr Ostaig/Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean.

Iomraidhean

Ceanglaichean a-mach

Tags:

Dotaireachd Dotairean AinmeilDotaireachd Tràchdasan PhD Sgrìobhte anns a GhàidhligDotaireachd IomraidheanDotaireachd Ceanglaichean a-machDotaireachdAn t-Aonadh EòrpachBliadhnaBolognaDùthaichFoghlamLaideannOilthighOllamhTeagasg

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

DevanāgarīLimaLeopold RužičkaTeaghlachCian-chonaltradh2002TairbeartMagnus MaximusPoblachd DhoiminiciaBrabhsair-lìnIain Eairdsidh MacAsgaillSudanLochlannais SheanEysturoyPuerto RicoInnis TìleTavauBonn-cuimhneTawantinsuyu19 an t-SultainOilthigh MhünchenCarles Puigdemont i Casamajó1578SìdheLosgannFuncImpireachd na GearmailteTamailisCladh (creideamh)IapanaisAn GearasdanTarja HalonenEabhra12 an CèiteanBangladaisPoblachd na h-ÈireannCur fo chràdhGlaschu an Iar-dheas (sgìre Phàrlamaid Westminster)Eòlas-nàdair1805Baile GuatemalaA' Cheinia163018 am FaoilleachPatrick WhiteKyivAfragaInnleadaireachdCharlotte CordayÀiteachasSreath nan actanachEòlas-inntinnParaguaidhFàsach ThabernasA' ChuimrighMàiliUr-sgeulachdCeòl mòrTirariTrajan1954DreuchdanAn EilbheisTeicneòlas20 an t-IucharInneal-bualaidhJohn Beag Ó FlathartaGàidhlig na h-ÈireannBidean nam BianLawrenciumHartmut MichelRìoghachd na h-Alba14 am Faoilleach🡆 More