Tha an cù (Laideann: Canis lupus familiaris, Cuimris: ci) na shineach feòil-itheach anns an òrdugh Carnivora, a tha cumanta mar pheata, beathach seilg agus beathach obrach.

Cù
Rangachadh saidheansail
Rìoghachd Animalia
Fìleam Chordata
Clas Mammalia
Òrdugh Carnivora
Teaghlach Canidae
Gèineas Canis
Spèiseas C. lupus
Fo-spèiseas C. l. familiaris
Ainm saidheansail
Canis lupus familiaris (Linnaeus, 1758)

Tha an dlùth-cheangal eadar daoine agus coin air maireachdainn co-dhiù 17,000 bliadhnaichean; their cuid "an co-cheangail" ris an dàimh seo. Is fhada bho bha daoine dhen bheachd gur h-ann bho mhadaidhean-allaidh a thàinig an gnè Canis familiaris. Tha iomadach seòrsa is briod de choin; faic mar eisimpleir an diofar eadar an Chihuahua beag biodach agus an Irish Wolfhound, neo eadar na diofar seòrsaichean abhagan agus am miol-chù. Tha gaoisid dhen a h-uile seòrsa is dath orra eadar dubh is geal, ruadh, riabhach, liath is donn. Tha coin, mar a tha daoine, nam beathaichean sòisealta, agus tha sin a' cur an cèill carson a tha iad cho math gu trèanadh, cho spòrsail, agus carson a tha iad cho comhfhurtail am measg daoine. Tha ceann math orra, le cuimhne a mhaireas fada, agus comas aca iad a bhith glè luath-aireach ann an cuid a shuidheachdain; tha sin gam fàgail glè fheumail do mhac an duine. Ged-tà tha cuid de chultaran, m.e. Islam, a' smaoineachadh gur e rud salach grànta a tha anns a' chù. Ann an cultaran eile, thèid an ithe.

Abairtean mu dheidhinn coin

  • Am Fear a bhios air dheireadh, bidh na coin comaidh ris.
  • Cho sgìth ri seann chù.
  • Cho math ris a' chù!
  • Cho cam ri cù a' muin san t-sneachd.
Cù 
Cù 
Cù 
Cù 

Faclair nan Coin

Ceanglaichean

  • Landseer
  • Talamh-an-Èisg (Cù)

Ceanglaichean a-mach (Gàidhlig)

Iomradh

Tags:

Cù Abairtean mu dheidhinn coinCù Faclair nan CoinCù CeanglaicheanCù Ceanglaichean a-mach (Gàidhlig)Cù IomradhCuimrisDathFaolIslamLaideannPeataSineach

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

8 an Giblean656Mid Hill (193 m)Na h-InnseachanSan Juan del CesarKölschIain Eairdsidh MacAsgaill1029AristotelisSir Robert RobinsonUisge-adhairBrat-ùrlairBeddgelertNashville, TennesseeAfraganaisEilean Stiùbhairt1153AmeireagiumBelmont, Alba NuadhRoinn-tìdeSeulra750North HillMartin Luther King, Jr.BaghdadArailt MacMhaolainCoburg8 an CèiteanISOAn RuisFiona NicCoinnichBeurlaFara, ArcaibhTalmudBlaenau GwentCosta RicaOilthigh GrenobleParisGlaschu an Iar-dheas (sgìre Phàrlamaid Westminster)OllamhLongaighNa h-Iomaratan Arabach AonaichteDi-Ciadain12 am MàrtÀireamh-shluaigh570anBaselClaidheamhNa h-Innse GallEacuadorMonacoEasbaigTehranSìthicheLuathRihannaSìochantasPàpa Innocentius XIIIMerranbloSuranamÀrd BhaileLinn an Ath-bheòthachaidhBronwyddUicipeidVinquin HillLunnainnAonadh-ciùird🡆 More