'S e prìomh-bhaile Diobutaidh a tha ann an Djibouti (Arabais: جيبوتي, Somali: Jabuuti, Fraingis: Ville de Djibouti).
Djibouti/جيبوتي/Jabuuti | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Diobutaidh |
Co-chomharran | 11° 36 00' Tuath 43° 09 00' Ear |
Feartan fiosaigeach | |
Farsaingeachd | 630 km² |
Àireamh-shluaigh | 567,000 (2009) |
Dlùths | 900/km² |
Tha e suidhichte air leth-eilean eadar an Gulf of Aden agus an Gulf of Tadjoura. 'S e seo an Co-chomharran aige: 11° 36′ Tuath agus 43° 10′ Ear. Tha mu 400,000 duine a’ fuireach anns a’ bhaile fhèin. Tha Djibouti 557km air falbh bho Addis Ababa (An Aetiòp), 616km bho Asmara (Eartra), 1,473km bho Dhiuba (Sudan-a-Deas), 1,230km bho Khartoum (Sudan), 1,594km bho Nairobi (Ceinia) agus 1,087km bho Mhogadishu. Tha e suidhichte air an àirde an ear na dùthcha, aig 3m os cionn ìre na mara.
Chaidh am baile a stèidheachadh anns a’ bhliadhna 1888 mar port-mara le Eloi Pino, duine às an Spàinn. An uair sin bha e na phrìomh-bhaile ann am French Somaliland bhon 1891. Tha rathad-iarainn ann, an Djibouti-Addis Ababa Railway, a tha a’ dol eadar Djibouti agus Addis Ababa. Tha an port-adhair Djibouti-Ambouli International Airport faisg air a’ bhaile. Tha am port-mara aige cudthromach fhathast airson malairt eadar-nàiseanta, iasgaich agus na bàtaichean-aiseig gu Obock agus Tadjoura.
Abuja • Accra • Addis Ababa • Algiers • Antananarivo • Asmara • Bamako • Bangui • Banjul • Bissau • Brazzaville • Bujumbura • Cairo • Conakry • Cotonou • Djibouti • Dakar • Diuba • Dodoma • El Aaiún • Freetown • Gaborone • Harare • Kampala • Khartoum • Kigali • Kinshasa • Libreville • Lilongwe • Lomé • Luanda • Lusaka • Malabo • Maputo • Maseru • Mbabane • Mogadishu • Monrovia • Moroni • Nairobi • N'Djamena • Niamey • Nouakchott • Ouagadougou • • Port Louis • Porto Novo • Praia • Pretoria • Rabat • São Tomé • Tripoli • Tunis • Victoria • Windhoek • Yamoussoukro • Yaoundé
This article uses material from the Wikipedia Gàidhlig article Djibouti (Baile), which is released under the Creative Commons Attribution-ShareAlike 3.0 license ("CC BY-SA 3.0"); additional terms may apply (view authors). Tha an t-susbaint seo ri fhaighinn fo CC BY-SA 4.0 mur eil an caochladh 'ga innse. Images, videos and audio are available under their respective licenses.
®Wikipedia is a registered trademark of the Wiki Foundation, Inc. Wiki Gàidhlig (DUHOCTRUNGQUOC.VN) is an independent company and has no affiliation with Wiki Foundation.