Derek Bickerton

Rugadh Derek Bickerton air 25 am Màrt 1926 agus 's e cànanaiche agus bha e na ollamh aig Oilthigh Hawaii.

Tha e den bheachd gum faighear toraidhean luachmhor air tùsan cànain ma choimheadar air cànanan creole. Le sin coimheadaidh e air cànan aig daoine fa-leth agus cànan mar chomharradh mhic an duine. Rinn e rannsachadh air cànanan creòle ann an Guyana agus Hawaii. Is esan a chruthaich am prìomh-phàirt den bhun-bheachd bioprogram cànain. Their am bun-bheachd seo gu bheil cànanan creòle coltach ri a chèile air sgàth 's gun tèid an cruthachadh bho pidgin le clann aig a bheil an aon chomas gràmair coitcheann daonna (universal human innate grammar capacity) a tha san inntinn bho thùs.

Derek Bickerton
Derek Bickerton
Beatha
Breith Cheshire (en) Translate, 25 dhen Mhàrt 1926
Dùthaich Derek Bickerton Na Stàitean Aonaichte
Bàs 5 dhen Mhàrt 2018
Foghlam
Foghlam Oilthigh Chambridge Dotair Feallsanachd
Cànain Beurla
Dreuchd
Dreuchd creolist (en) Translate, neach-teagaisg oilthigh, sgrìobhadair agus cànanaiche
Fastaichean University of Guyana (en) Translate
University of Hawaiʻi (en) Translate
Oilthigh Leeds
IMDb nm1545966

Fhuair e ceum aig Oilthigh Chambridge ann an 1949, agus thòisich e dreuchd mar òraidiche ann an litreachas Beurla aig Oilthigh Cape Coast ann an Gàna. Rinn e rannsachadh for-cheum ann an cànanachas aig Oilthigh Leeds, agus dh'fhàs e na òraidiche ann an cànanachas aig Oilthigh Ghuiana (1967–71). Bha e na Ollamh cànanachais fad 24 bliadhna aig Oilthigh Hawaii, às dèidh dha PhD fhaighinn bho Oilthigh Chambridge ann an 1976. Chaochail e 5 am Màrt 2018.

Anns an leabhar aige Roots of Language (1981) smaoinichidh e air bun-bheachd a fhreagaireas trì ceistean:

  1. Ciamar a thòisich cànanan creòle?
  2. Ciamar a thogas clann cànan?
  3. Ciamar a thòisich comas cànain mar chomharra mhic an duine?

Anns an leabhar Language and Species (1990), canaidh e gum faodar freagairt a lorg ris na ceistean seo le bhith ag agairt gu bheil tùsan cànain a' laighe ann am mean-fhàs de shiostaman shanasan agus smaoineachadh samhlach còmhla ri leasachadh syntax foirmeil na b' fhadalaiche.

Leabhraichean

  • Tropicana, A Novel. (1963)
  • Dynamics Of A Creole System (1975)
  • Bickerton, Derek (1981): Roots of Language. Karoma Publishers. ISBN 0-89720-044-6. 
  • Bickerton, Derek (1990): Language and Species. University of Chicago Press. ISBN 0-226-04610-9. 
  • Language and Human Behavior, 1995
  • Lingua ex Machina: Reconciling Darwin and Chomsky with the Human Brain, 2000 (còmhla ri William H. Calvin)
  • Bickerton, Derek (2008): Bastard Tongues. Hill and Wang. ISBN 0809028174. 

Aistean

  • Bickerton, Derek (1984): “The language bioprogram hypothesis,” ann an: Behavioral and Brain Sciences, àir. 7, td. 173–221.

Tùsan


Tags:

192625 am MàrtCànanCànanaicheHawaii

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

LaideannSheòirsea a Deas is na h-Eileanan Shandwich a DeasRUilleam III Shasainn is II AlbaNils Holmer1200Dàibhidh CamshronOhioEabhraBTutankhamun11mh LinnCarbon dà-ogsaid1969An LaitbheRuith-airgidNa h-InnseachanJoaquín MosqueraA' Bheurla GhalldaEalainDà-chànanasUicipeid6502021Luibh-eòlasSearbhagEAn Cuan SgitheanachAlbaProifeasanBerdiansk3221 an t-SultainJakarta193FiadhIùdhachdClaidheamhAramaisGregor MendelAristotelisIoslam30 an t-SamhainLeabhar-eòlaisGiosuè Carducci17941330Co-mhaoineasAn t-Eilean SgitheanachCànanachasMuJean-Marie LehnBeurlaBjornstjerne Martinus Bjornson1815An Cogadh MòrRiaghaltasWhitehorseLide1912Na h-Eileanan SiarAn Ear-thuath a DeasLiosta dhaoine às a' ChuimrighFriedrich EngelsAn GibleanCuimrisGnothachasNile1937Coirèa a Deas1492Marie AntoinetteMartin HeideggerCian-chonaltradh🡆 More