Capreolinae Cervinae Hydropotinae Muntiacinae
Fèidh | ||||||||||||
---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|
Seòrsa na h-eòlaidheachd | ||||||||||||
| ||||||||||||
Cinnidhean | ||||||||||||
Sònraichte gu teann, tha fiadh 'na shineach ath-chagnach air buntainn ris an teaghlach Cervidae. Tha àireamh-shluaigh nam beathaichean fìor-eugsamhail, bho teaghlaichean càirdeach 'san co-eagar Artiodactyla, gu tric ainmichte fèidh cuideachd.
A' cur earbs' air an ghnè, tha fèidh fhearannach ainmichte daimh no daimh-fèidh, agus tha fèidh bhoireannach ainmichte earbaichean, èildean, aighean no bà. Tha fèidh òga ainmichte laoigh-fèidh no mangan.
Trì aois coin, aois eich
Trì aois eich, aois duine
Trì aois duine, aois fèidh
Trì aois fèidh, aois fìrein
Trì aois fìrein, aois craoibh dharaich.
Ruigidh cuid den fhèidh aois mhòr, eadhon 120 - 140 bliadhna a dh' aois.
Tha làn dearbhadh aig sealgairean an fhèidh air Gàidhealtachd na h-Alba, gun robh cuid dhiubh ann am frith Ghlinne-garadh a bha 80 bliadhna agus còrr. Fhuaireadh damh ann an 1826 agus bha comharra-cluaise air a bhuineadh do fhorsair ainmeil, Eòghann mac Iain Òig a chaochail ceud gu leth bliadhna ron àm sin. Bha aon agh geal a bha ann am fàsach Loch Trèig fad chuimhne trì linntean dhaoine. Bha i cho furachail, seòlta 's nach d' fhuaireadh riamh urchair oirre.
This article uses material from the Wikipedia Gàidhlig article Fiadh, which is released under the Creative Commons Attribution-ShareAlike 3.0 license ("CC BY-SA 3.0"); additional terms may apply (view authors). Tha an t-susbaint seo ri fhaighinn fo CC BY-SA 4.0 mur eil an caochladh 'ga innse. Images, videos and audio are available under their respective licenses.
®Wikipedia is a registered trademark of the Wiki Foundation, Inc. Wiki Gàidhlig (DUHOCTRUNGQUOC.VN) is an independent company and has no affiliation with Wiki Foundation.