Deòrsa Mac Iain Dheòrsa

B'e bàrd agus eadar-theangadair a bh' ann an Deòrsa Mac Iain Dheòrsa (Ach na Feàrna, 1915 - 1984).

B' e George Campbell Hay ainm sa Bheurla ach chleachd e an t-ainm-sloinnidh Deòrsa Mac Iain Dheòrsa sa Ghàidhlig. Sgrìobh e ann an Gàidhlig, Beurla Ghallda agus Beurla. Sgrìobh e bàrdachd cuideachd ann am Fraingis, Eadailtis agus Nirribhis, agus dh'eadar-theangaich e bàrdachd bho iomadh chànan dhan Ghàidhlig. Bha e na nàiseantach Albannach. 'S mathaid gur e 'Bizerta' an dàn as ainmeile le Mac Iain Dheòrsa.

Deòrsa Mac Iain Dheòrsa
Beatha
Breith Achadh na Feàrna, 1915
Dùthaich Deòrsa Mac Iain Dheòrsa Alba
Bàs 1984
Foghlam
Foghlam Fettes College (en) Translate
Oilthigh Oxford
Cànain Gàidhlig
Beurla
A' Bheurla Ghallta
Eadailtis
Nirribhis
Fraingis
Dreuchd
Dreuchd cànanaiche, eadar-theangair, bàrd agus sgrìobhadair
Gluasad Ath-bheòthachadh na h-Alba
Gnè ealain bàrdachd

Sgeul-beatha

Rugadh Deòrsa Mac Iain Deòrsa ann an Ach-na-Feàrna ann an Siorrachd Rinn Friù ach thogadh e ann an Tairbeart, Loch Fìne. Bha athair, an t-Urr. Iain MacDhùghaill Hay, na sgrìobhaiche cuideachd - sgrìobh e, mar eisimpleir, an nobhail ainmeil Gillespie. Fhuair Mac Iain Dheòrsa ceum bho Oilthigh Oxford.

Ann an 2015, 100 bliadhna on a rugadh Mac Iain Dheòrsa, chuireadh sreath de thachartasan air dòigh ann an Tairbeart gus cuimhneachadh air. Chraol BBC Alba dràma ma dhèidhinn, Seeker Reaper, le Peter Mullan mar Mhac Iain Dheòrsa.

An Dàrna Cogadh

Aig àm an dàrna cogaidh, dh'fheuch Mac Iain Dheòrsa an dleastanas-airm a sheachnadh, ach mu dheireadh thall, chaidh e dhan airm. Bha e stèidhichte ann an Algeria agus anns a' Ghrèig.

Sgrìobhadh

Eadar-theangachadh

Dh'eadar-theangaich Mac Iain Dheòrsa iomadh bàrd Èorpach gu Gàidhlig, mar eisimpleir am bàrd Eadailteach an 14mh linn, Francesco Petrarch.

Clàr-leabhraichean

  • Fuaran Sléibh. Glaschu: William Maclellan, 1947.
  • Mochtàr is Dùghall Glaschu: Oilthigh Ghlaschu, Roinn na Ceiltis, 1982.
  • MacAmhlaigh, Dòmhnall (deas.). Nua-Bhàrdachd Ghàidhlig / Modern Scottish Gaelic Poems: A Bilingual Anthology. Dùn Èideann: Southside, 1976.
  • Byrne, Michel (deas.). Collected Poems and Songs of George Campbell Hay (Deòrsa Mac Iain Dheòrsa). Dùn Èideann: Edinburgh University Press, 2000.

Iomraidhean

Tags:

Deòrsa Mac Iain Dheòrsa Sgeul-beathaDeòrsa Mac Iain Dheòrsa SgrìobhadhDeòrsa Mac Iain Dheòrsa Clàr-leabhraicheanDeòrsa Mac Iain Dheòrsa IomraidheanDeòrsa Mac Iain Dheòrsa19151984Ach na FeàrnaBeurlaBeurla GhalldaEadailtisFraingisGàidhligNirribhis

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

GnothachasUsbagastàn2013SiùrsachdCosobhoBarcelonaFeallsanachdInnealBloemfonteinÀirde1940an12 an Dùbhlachd540an RC123721 an t-Iuchar1930WikimediaBathar-cruaidhLochAchadh na Feàrna1904George H. W. BushAnna, Bànrigh Shasainn, Alba is ÈireannÈirinn (eilean)Deòrsa Mac Iain DheòrsaCeòl-sgrìobhaiche1351601MeagsagoScandiumTehranZulu (cànan)MatamataigAn t-IucharSan Antonio, TexasEaglais ChaitligeachSan FranciscoIùdhachdDubaiEadar-lìon1470anSegoviaParis2004Minsk390Tutankhamun1999Gàna1938Na h-Iomaratan Arabach Aonaichte1891TelebhiseanStaoinebrigDràmaire1882Eabhraig Nuadh (baile)Dealan-spèidDonald TrumpAm Muir CaraibeachSeumas VII Alba is II ShasainnFànasPhiladelphia, PennsylvaniaCultar mòr-thaitneachNa h-Eileanan Canàrach7mh LinnAngolaEalain🡆 More