Davíð Oddsson

'S e bancair, neach-aithris, riochdaire dioplòmasach, neach-lagha, neach-poileataigs agus sgrìobhadair à Innis Tìle a th' ann an Davíð Oddsson (IPA: ˈtaːvið ˈɔtːsɔn).

Rugadh e air 17 am Faoilleach 1948 ann an Reykjavík. Fhuair e a chuid foghlaim aig Menntaskólinn í Reykjavík agus Oilthigh Innis Tìle. Chaidh a thaghadh dhan Alþingi airson a' chiad turais ann an 1991. Bha e na fhorsætisráðherra (Gàidhlig: Prìomh-mhinistear) bho 1991 gu ruige 2004 às leth Sjálfstæðisflokkurinn (Gàidhlig: Pàrtaidh na Neo-eisimeileachd), ann an sreath cho-bhannan le Alþýðuflokkurinn agus Framsóknarflokkurinn a mhair 13 bliadhna, an teirm na b'fhaide a fhuair prìomh-mhinistear Innise Tìle a-riamh. A bharrachd air sin, tha e air a bhith na mhinistear an nan Dùthchannan Cèin (2004 - 2005) agus bha e os cionn Seðlabanki Íslands (Gàidhlig: Banca Nàiseanta Innise Tìle) bho 2005 gu ruige 2007. Phòs e aig Ástríður Thorarensen ann an 1970 agus tha mac aca còmhla. Chaidh Oddsson ainmeachadh deasaiche a' phàipear-naidheachd Morgunblaðið ann an 2009. Chaidh an cèol air feadh na fìdhle agus chaill Morgunblaðið mòran luchd-leughaidh air sgàth 's gu robh iomadh daoine dhen bheachd gum foillsicheadh e beachdan nan daoine beartach agus nan companaidhean mòra. Tha e air trì dealbhan-cluiche a sgrìobhadh airson an telebhisein agus dà obair eile airson Companaidh Taigh-cluiche Reykjavík agus an Taigh-cluiche Nàiseanta agus tha e air grunn phrògraman rèidio a stiùireadh airson RÚV. Cuideachd sgrìobh e aiste mun Phrìomhaire Geir Hallgrímsson ann an Andvara ann an 1994. Dh' fhoillsich e cruinneachadh sgeulachdan ann an 1997 air an robh Nokkrir góðir dagar án Guðnýjar agus cruinneachadh eile ann an 2002 air an robh Stolið frá höfundi stafrófsins.

Davíð Oddsson
Davíð Oddsson
Ball an Alþingi


10. Pròbhaist Reykjavík

27 dhen Chèitean 1982 - 16 dhen Iuchar 1991
Egill Skúli Ingibergsson (en) Translate - Markús Örn Antonsson (en) Translate
21. Prìomh-mhinistear Innise Tìle

30 dhen Ghiblean 1991 - 15 dhen t-Sultain 2004
Steingrímur Hermannsson - Halldór Ásgrímsson
Ministear Staitistig

1 dhen Dàmhair 1994 - 27 dhen t-Sultain 2005
Edvard Júlíus Sólnes (en) Translate - Halldór Ásgrímsson
Ministear nan Dùthchannan Cèin

15 dhen t-Sultain 2004 - 27 dhen t-Sultain 2005
Halldór Ásgrímsson - Geir Hilmar Haarde
Beatha
Breith Reykjavík, 17 dhen Fhaoilleach 1948
Dùthaich Davíð Oddsson Innis Tìle
Teaghlach
Clann
Foghlam
Foghlam Oilthigh Innis Tìle
Cànain Innis Tìlis
Dreuchd
Dreuchd neach-poileataigs, dioplomat, sgrìobhadair, neach-lagha, neach-naidheachd, bancair agus bàrd
Duaisean a fhuaras
Creideamh
Pàrtaidh poileataigeach Sjálfstæðisflokkurinn
IMDb nm1551056

Caibineitean Oddsson

Seo, mar a leanas, liosta nan daoine a ghabh pàirt ann an caibineitean fhad 's a bha Oddsson os cionn an riaghaltais. Bhuinneadh ias uile gu Alþýðuflokkurinn, Framsóknarflokkurinn air neo Sjálfstæðisflokkurinn:

  • Davíð Oddsson: Prìomhaire agus Ministear Staitistig
  • Jón Baldvin Hannibalsson: Dùthchannan Cèin
  • Jón Sigurðsson: Gnìomhachas agus Malairt (gu ruige 14.06.1993)
  • Jóhanna Sigurðardóttir: Cùisean Sòisealta (gu ruige 24.06.1994)
  • Sighvatur Björgvinsson: Slàinte agus Tèarainteachd Shòisealta (gu ruige 14.06.1993), Gnìomhachas agus Malairt (bho 14.06.1993) agus Slàinte (bho 12.11.1994)
  • Þorsteinn Pálsson: Ceartas, Cùisean Eaglaiseil agus Iasgach
  • Friðrik Sophusson: Ionmhais
  • Ólafur G. Einarsson: Foghlam
  • Halldór Blöndal: Còmhdhail agus Àiteachas
  • Eiður Guðnason: Àrainneachd (gu ruige 14.06.1993)
  • Guðmundur Árni Stefánsson: Slàinte agus Tèarainteachd Shòisealta (bho 14.06.1993 gu ruige 24.06.1994) agus Cùisean Sòisealta (bho 24.06.1994 gu ruige 12.11.1994)
  • Össur Skarphéðinsson: Àrainneachd (bho 14.06.1993)
  • Rannveig Guðmundsdóttir: Cùisean Sòisealta (bho 12.11.1994)

Iomraidhean

Ceanglaichean a-mach

Ro-theachdair:
Steingrímur Hermannsson
(1991)
Forsætis­ráð­herra
Neach-ionlaid:
Halldór Ásgrímsson
(2004)

Tags:

17 am Faoilleach1948197019911994199720022004200520072009AlþingiAlþýðuflokkurinnBancairBliadhnaFoghlamFramsóknarflokkurinnGeir HallgrímssonGàidhligIPAInnis TìleMenntaskólinn í ReykjavíkNeach-aithrisNeach-laghaNeach-poileataigsOilthigh Innis TìlePrìomh-mhinistearPrìomh-mhinistear Innise TìlePàipear-naidheachdReykjavíkRiochdaire dioplòmasachSgrìobhadairSjálfstæðisflokkurinnTelebhisean

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

Gustav Kirchhoff19022014EuroAn ÀithneCastelló (roinn)Virginia2019Cian-chonaltradhJakartaReykjavíkSlàinteUilleam UallasPrìomh-DhuilleagEacuadorIain Mac a' GhobhainnYvelines1838PopayánAibidil EabhraChubut30 an t-SultainCruinn-eòlasColannLeabharlann Nàiseanta Poblachd na SeiceDannsaArgon12 an GibleanEaconomaidhDonostiaMosgoIomadachadhCòrn Sasannach30 an DàmhairLucsamburgDuais Nobel ann am FiosaigsRotterdamCuan SèimhMississippi (abhainn)Fergie DòmhnallachCruitEun-creachaidhVizcaya (provincia)19mh Linn1504AMìosachan GriogarachKarachiDeimosGeòlasSòisealachd LibeirtèireachLuibh-eòlasSileadhVictoria (na h-Eileanan Sheiseall)15781616ÀiteachasSasainnMadadh-cuainAn Cogadh MòrLinne FoirtheEalain-lèirsinneach1695Marie Antoinette🡆 More