Darmstadt

‘S e baile mòr faisg air Frankfurt agus Mainz ann an ceann a deas na Gearmailte a th’ ann an Darmstadt.

Darmstadt
Darmstadt Darmstadt
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
Darmstadt
Darmstadt
Suidheachadh
Dùthaich Darmstadt A' Ghearmailt
Sgìre Darmstadt Hessen
Co-chomharran 49° 52' Tuath
08° 39' Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 122.11 km²
Àireamh-shluaigh 149,743 (2013)
Dlùths 1,226.3/km²
Àireamh fòn +49 (0)6151, (0)6150 agus (0)6159
Duilleag oifigeil http://www.darmstadt.de/

Tha e suidhichte aig 144m os cionn ìre na mara, anns an stàit Hessen. Tha am baile 181km air falbh bho Nürnberg, 200km bho Dhüsseldorf, 309km bho Leipzig agus 443km bho Bherlin. Tha 149,743 duine a' fuireach ann. Tha Darmstadt uabhasach ainmeil airson Saidheans.

Eachdraidh

Chaidh Darmstadt a chlàradh airson a' chiad turais anns an 11mh Linn mar Darumstadt. Thathar dhen bheachd gur ann à Dar Mund (Rubha Bogach) ann an seann Ghearmailtis a tha an t-ainm. Ann an 1330 thug an t-Ìmpire Ludwig à Bayern, a bha os cionn Ìmpireachd Naomh na Ròimhe, còirichean dhan bhaile, a bhuineadh dhan teaghlach uasal Katzenelnbogen. Thogadh caisteal aig an àm sin cuideachd. Chaochail an t-Iarla Katzenelnbogen gun chlann ann an 1479 agus chaidh a chuid oighreachdan ann an Darmstadt a thoirt gu Hessen. B' e prìomh-bhaile na stàite Dhiùcachd Hesse a bh' ann bho 1567 gu ruige 1806 agus an uair sin Àrd-Dhiùcachd Hesse bho 1806 gu ruige 1918. Dh' fhàs Darmstadt gu math luath fad an 19mh Linn air sàilleabh gu robh taighean-gnìomhachais a thogail agus bha còrr is 100,000 duine a' fuireach ann aig deireadh na linne. Chaidh an t-oilthigh teicnigeach TU Darmstadt a stèidheachadh ann an 1877. A bharrachd air saidheans agus malairt bha ealain cuideachd làidir ron a' Chiad Chogaidh agus bha am baile ainmeil air feadh na Gearmailt mar teis-mheadhan Jugendstil, a bha coltach ri Art Nouveau a bha againn ann an Alba. Thoisich a' chiad dùnadh bùthan nan Iùdhach anns a' Ghearmailt ann an Darmstadt ann an 1933, ri linn Adolf Hitler. Chaidh na 3,000 Iùdhaich a bha a' fuireach anns a' bhaile a thoirt gu campaichean na mairbh ann an 1942 agus chaidh ias uile a mharbhadh anns an Uile-losgadh. Bhuineadh Wilhelm Leuschner agus Theodor Haubach do Dharmstadt: Shabaid iad an aghaidh nan Nàsach, a chuir iad gu bàs ro dheireadh an Darna Chogaidh. Thoisich an RAF Darmstadt a bhomadh ann an 1942 agus, mu dheireadh thall air 11 an t-Sultain 1944, chaidh a' chiad bhomadaireachd Firestorm a dhèanamh an seo: chaochail mu 75% nan daoine a bha anns a' bhaile an oidhche ud sin.

Saidheans

Ann an 1912 leasaich an ceimigear Anton Köllisch an droga MDMA, neo ecstasy, nuair a bha e ag obair airson na companaidh Merck.

Tha an Comann airson Rannsachadh nan Aidheon Trom ann an Darmstadt. Chaidh iomadach eileamaid cheimigeach ga lorg an-sin, mar eisimpleir hassium agus darmstadtium.

Bailtean Co-cheangailte

Iomraidhean

Ceanglaichean a-mach

Tags:

Darmstadt EachdraidhDarmstadt SaidheansDarmstadt Bailtean Co-cheangailteDarmstadt IomraidheanDarmstadt Ceanglaichean a-machDarmstadtA' GhearmailtBaileBerlinDüsseldorfFrankfurtHessenLeipzigMainzMuirNürnbergSaidheans

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

Ùrnaigh an TighearnaSeinneadairTutankhamunAn t-Eilean GainmhichBall-coiseKofi AnnanTartuDaniel Kahneman193773Bàgh na h-Eaglaise1330An Talamh (planaid)ToruńCrìosdaidheachdCòcaireachdAildiriaAm PlocBAntamonaidhIPAFaoiteagCill FhinneinGiosuè CarducciCian-chonaltradhAn Baile NuaTroighJean-Marie LehnWisconsinAn Garradh Thlachdan TalmhaidhPeallag (Creutair Miotas-eòlasach)BeurlaOilthigh BergenLeonardo Da VinciNils HolmerPàrlamaid na h-AlbaAramais2013394LaphroaigDoricRiochdairDà-chànanasLouis PasteurBangkokLideMosgoCànan nam MāoriTOAn Innd-InnseCarles Puigdemont i CasamajóCarbon dà-ogsaidTeàrlach IIICoirèa a DeasGregor MendelOlaSpeactram an t-SolaisHindiPopEilean DevonAinmearAirgead (malairt)30 an t-SamhainLinne Chluaidh1259SealtainnUilleam III Shasainn is II AlbaISO2006Gavrilo Princip1448Pär Fabian Lagerkvist🡆 More