‘S e baile meadhanach agus sgìre ann an Valle de Cauca, Coloimbia, a th’ ann an Dagua (IPA: daɣwa).
Dagua
| |||||
Mapa a' bhaile | |||||
Sealladh air a' bhaile | |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | Coloimbia | ||||
Roinn | Valle del Cauca | ||||
Àirde | 828m | ||||
Co-chomharran | 03 39' 27' Tuath 76° 41' 30' Iar | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 886 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 35,270 (2005) | ||||
Dlùths | 39.81/km² | ||||
Duilleag oifigeil | Comhairle a’ Bhaile |
Tha e suidhichte aig 828m os cionn ìre na mara agus 47.7km air falbh bho Chali, prìomh-bhaile na roinne. Tha teodhachd meadhanach dhe 23˚ aige. Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1909 le companaidh trèana.
Tha 8,307 duine nan tàmh anns a' bhaile fhèin, ach tha 35,270 uile gu lèir a' fuireach ann, a' gabhail a-steach na clachain thall anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile. Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin. Air adhbharan trioblaidean poilitigeach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail.
Taobh chinnidh, ' s e daoine geala/mestizos a th' ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an Dagua, ach tha 2.2% dhe Tùsanaich agus 39% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. 'S urrainn dhan 87.3% dhe na daoine ann an Dagua leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, chan eil fòn aig an taigh ach aig 22.9% dhe na dachannan.
Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Dagua. Chithear fèilltean Caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid Chaitligeach a th’ ann fhathast, fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s tha beairteas cultarail na dùthcha.
This article uses material from the Wikipedia Gàidhlig article Dagua (Valle), which is released under the Creative Commons Attribution-ShareAlike 3.0 license ("CC BY-SA 3.0"); additional terms may apply (view authors). Tha an t-susbaint seo ri fhaighinn fo CC BY-SA 4.0 mur eil an caochladh 'ga innse. Images, videos and audio are available under their respective licenses.
®Wikipedia is a registered trademark of the Wiki Foundation, Inc. Wiki Gàidhlig (DUHOCTRUNGQUOC.VN) is an independent company and has no affiliation with Wiki Foundation.