Ann an geoimeatras, 's e loidhne-muigh nithean dà-sheallach (2sh) a th' ann an cumadh.
Tha dealachadh air a dhèanamh eadar cumadh agus cruth. 'S e riochd nì a tha trì-sheallach (3sh) a th' ann an cruth. 'S e cumaidhean a th' ann an cearcall, ceàrnag agus triantan, ach cruthan a th' ann an ciùb, pioramaid, priosam no siolandair. Faodar cumaidhean a tharraing bho chruth an iomadh dòigh, mar eisimpleir sealladh-plana no roinn-tharsainn no loidhne-muigh aodainn sam bith aig a' chruth a tha còmhnard.
Tha an t-aon chumadh aig dà nì ma tha imeachd, cuartachadh no sgèileadh (meudachadh no lughdachadh) ann a lìbhrigeas an dara fear gu mionaideach air an fhear eile. Faodaidh am factar-sgèile a bhith àicheil, oir 's e cuartachadh 180° a th' anns am factar-sgèile de -1. Canaidh sinn gu bheil dà chumadh:
Ach tha iad neo-ionnan ma tha an dara fear na fhaileas an fhir eile.
'S e cumadh sìmplidh a th' ann ma tha e dèante de dh' earrainnean sìmplidh geoimeatrach mar mhìrean loidhne no arcan cearcaill. Tha feartan geoimeatrach mar fharsaingeachd agus cuairt-thomhas furasta dh' annaladh aig a' mhòr-chuid dheth. 'S e na cumaidhean sìmplidh as aithnichte:
'S e am feart aig cuid de na cumaidhean sìmplidh gun gabhar an leacadh. 'S e sin ri ràdh gum faodar an cur taobh ri taobh airson uachdair a chòmhdachadh gun bheàirn sam bith eatarra. Mar eisimpleir gabhar ceart-cheàrnaich agus triantain a leacadh ach cha ghabhar cearcallan no sia-cheàrnaich.
Faodar uimhir de chumaidhean sìmplidh an cur ri chèile airson cumaidh nas toinnte dhealbhadh. 'S e cumadh ceangailte mar ainm air agus tha e furasta feartan mar fharsaingeachd agus cuairt-thomhas a dh' annaladh ma tha an cumadh air a roinn air na h-earrainnean simplidh aige.
This article uses material from the Wikipedia Gàidhlig article Cumadh, which is released under the Creative Commons Attribution-ShareAlike 3.0 license ("CC BY-SA 3.0"); additional terms may apply (view authors). Tha an t-susbaint seo ri fhaighinn fo CC BY-SA 4.0 mur eil an caochladh 'ga innse. Images, videos and audio are available under their respective licenses.
®Wikipedia is a registered trademark of the Wiki Foundation, Inc. Wiki Gàidhlig (DUHOCTRUNGQUOC.VN) is an independent company and has no affiliation with Wiki Foundation.