Cuthag

'S e eun a tha anns a' Chuthag neo Cuthag eòrpach (Laideann: Cuculus canorus, Beurla: Common Cuckoo).

Cuculus canorus
Cuthag
Cuthag
Rangachadh saidheansail
Rìoghachd Animalia
Fìleam Chordata
Clas Aves
Òrdugh Cuculiformes
Teaghlach Cuculidae
Gèineas Cuculus
Spèiseas C. canorus
Ainm saidheansail
Cuculus canorus (Linnaeus, 1758)
Briathran Gàidhlig eile
Cuthag eòrpach

Tha iad a’ tighinn a dh' fhuireach anns an Roinn-Eòrpa agus Àisia san earrach, ach mun tig fuachd a' gheamhraidh falbhaidh iad air imrich a dh'Afraga.

Giùlan

Tha a' chuthag na comharra air teachd an earraich oir cluinnear i gach madainn chèitean a' seinn a ceilear sunndach air bhàrr nan geug. Canar "goirsinn" ris a' cheilearadh seo. Tha i a' leum bho chraobh gu craoibh, agus chan eil i a' draghadh ri nead a sholarachadh dhith fhèin.

Modh-sìolaich

Cha mhotha a bheir a' chuthag a-mach a h-àl, agus chan àraich i iad nuair a bheirear a-mach iad le eòin eile. An toiseach an t-samhraidh seallaidh i mun cuairt dhith airson nid a' ghealbhuinn, no an uiseig agus an uair a gheibh i an nead falamh, beiridh i ugh innte, agus fàgaidh i an sin e gun tuilleadh cùram a ghabhail dheth. Tha an t-eun dom buin an nead a' gur air, agus nuair a thig an t-àl a-mach, tha a' chuthag òg a' fàs suas, agus a' cur às do na h-eòin bhig eile, agus air an dòigh sin a' faotainn na nid, agus cùram nam pàrantan dhith fhèin gu h-iomlan.

Ann an dualchas na Gàidhlig

Tha a' chuthag a' nochdadh ann am iomadh abairt is gnàth-fhacal.

  • Cho cloimheach ris a' chuthaig.
  • Tha dìthean ann air am bheil "bròg na cuthaig" no "fròg na cuthaig"; agus fear eile, "flùr na cuthaig".
  • Canar "glasanach na cuthaige" ri beul an latha agus "cuthag-chluaise" a theirear ri cuideigin, gu h-àraid clann, a dh' innseas air daoine eile. Mar sin, tha ràdh ann a tha cur sìos air sin; "Ge binn leinn a' chuthag cha bhinn leinn cuthag-chluaise."
  • Theirear "gocan na cuthaige" ris an eun a leanas oirre.
  • cho sona ri cuthag ann an nead a coimhearsnaich
  • "Sneachda na Caisge, sneachda nan uan agus sneachda na cuthaige". Ma thig na tri sneachdan sin, bidh an samhradh math.
  • Canar "glasadh na cuthaige" ris an t-sneachd bheag a chuirear tràth ron t-samhraidh.
  • Theirear "cur air ruith na cuthaige" airson a bhith a' cur neach air ghocaireachd, no air gnothaich gun fheum.
  • San linn a chaidh seachad, nan do dh' innseadh cuideigin do chàch gun do chuala e a' chuthag "gun bhiadh na bhroinn", bha e ag ràdh nach robh e air ithe mun do chuala e goirsinn na cuthaige airson a' chiad uair dhen bhliadhna; agus bhathar a' meas gur e bliadhna mhì-shealbhach a leanadh sin..

Dualchasan eile

A-rèir lagh nan Indhach ann an Canada, bha a' chuthag air a meas neo-ghlan, agus air an adhbhar sin bha e neo-laghail dhaibh a h-itheadh.

Iomraidhean

Dealbhan

Cuthag 
Tha dealbhan ann an Wiki Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo:

Tags:

Cuthag GiùlanCuthag Modh-sìolaichCuthag Ann an dualchas na GàidhligCuthag Dualchasan eileCuthag IomraidheanCuthag DealbhanCuthagAfragaBeurlaCuculus canorusEunLaideannRoinn-EòrpaÀisia

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

SìonaisMangaineisEòlas-comainnJersey NuadhMatamataigAm Mòd Nàiseanta RìoghailNàiseanDi-dòmhnaich527CoimpiutaireachdAn EadailtCìorgastanBaile AnnaCreideamhCrann-treabhaidhDi-LuainBarack Obama1966Banca ShasainnKemper1388Aibidil CirillachPortland, OregonCruinn-eòlasAdag (arbhar)1735MainzMàiliCeit FhoirbeisDuais Nobel ann an CeimigeachdN.W.A.AdhairAfragaRubhandaDuitsisNorrköping400Moirfin15461890anNa h-Eileanan Cròlainneach2012BreatannaisCothrom (Uibhist a Deas)Gamal Abdel Nasser8001117Leonardo Da VinciJohn F. KennedyCeimigeachdUicipeid10 an DàmhairPàirc Nàiseanta YosemiteLibrary of Congress Control NumberNassauA' Bhreatainn BheagPoblachd na h-ÈireannLa HabanaBàgh na h-EaglaiseInnleadaireachdReul-chuairtFrontier County, NebraskaBiadhSpioradalachdTaidigeastànKlaipėda1970an🡆 More