Corra-Ghritheach

'S e eun a th' anns a' chorra-ghritheach (Laideann & ainm saidheans: ardea cinerea, Beurla: grey heron).

Ardea cinerea
Corra-Ghritheach
A' Chorra-ghritheach
Rangachadh saidheansail
Rìoghachd Animalia
Fìleam Chordata
Clas Aves
Òrdugh Pelecaniformes
Teaghlach Ardeidae
Gèineas Ardea
Spèiseas A. cinerea
Ainm saidheansail
Ardea cinerea (Linnaeus, 1758)
Briathran Gàidhlig eile
Corra-ghlas
Corra-Ghritheach
Ardea cinerea

Lorgar iad anns na h-àiteachan le gnàth-shìde mheasarra sa Roinn-Eòrpa, Àisia, agus ceàrnaidhean de dh'Afraga.

Giùlan

Chithear a' chorra-gritheach an cois na mara agus an cois aibhnichean. Coisichidh i air oitir a' lorg bìdh. Nuair a tha i a' sealg, faodaidh i a bhith na seasamh gun ghluasad fad ùine mhòr. Ithidh i èisg, daolagan, radain, luchain agus losgannan.

Coltas

Tha gob, casan, agus amhaich fada aig a' chorra-ghritheach. Tha a ceann geal le bann dubh a' dol tarsainn a sùilean. Tha a sùilean fhèin agus a gob buidhe. Tha a h-amhaich geal. Tha a druim agus a broilleach liath. Tha a sgiathan liath agus dubh. Tha a casan donn.

Gu tric, bidh inbheach 91cm a dh'fhaide.

Chan eil e furasta an diofar eadar am fear agus an tè fhaicinn. Tha an ite air cùl a cinn nas giorra aig an tè.

Tha lèirsinn anabarrach math aig a' chorra-ghritheach.

Faodaidh a' chorra-ghritheach a bhith beò fad 25 bliadhna.


Modh-sìolaidh

Beiridh i 3 - 5 uighean gach bliadhna eadar An Gearran is An Cèitean. Tha iad soilleir-ghorm.


Anns na h-Ealain Gàidhlig

Òrain

  • Màrtainn MacIlleMhaoil à Breacais, Òran na Corra-ghrithich no A' Chorra-ghritheach a Mharbh Calum
  • Cha do Mharbh thu a' Chorra-ghritheach
  • Aonghas Iain Caimbeul, Òran na Corra-grithich no 'S Mar a Thachair Dhuinn, Nach Annasach

Bàrdachd

Sgeulachdan

  • Lauchie MacLellan, 'An Sionnach 's a' Chorra-ghritheach', ann an Brìgh an Òrain(2001) deas. le John Shaw (McGill-Queen's Press), d.302-305.

Rosg

Beul-aithris

Seann-fhaclan
  • Cha suaicheantas corra air cladach
      - sealladh no suidheachadh nàdarra, chan eil e coltach gun tachair càil às an àbhaist.

Eile

  • A’ Chorra-Ghritheach. Postair (Meud 504 x 732mm) Acair. ISBN: 9780861523757Teamplaid:Fix/category[dead link]

Sgrìobhaidhean mu a deidhinn

  • Breeze Jones, E.V. (1987) Eoin Uisge. A' Ghàidhlig le Frang U. Rennie (Steòrnabhagh: Acair), d.4 IBSN: 086152 024 6

Ceanglaichean a-mach

Iomraidhean

Dealbhan

Corra-Ghritheach 
Tha dealbhan ann an Wiki Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo:

Tags:

Corra-Ghritheach GiùlanCorra-Ghritheach ColtasCorra-Ghritheach Modh-sìolaidhCorra-Ghritheach Anns na h-Ealain GàidhligCorra-Ghritheach Sgrìobhaidhean mu a deidhinnCorra-Ghritheach Ceanglaichean a-machCorra-Ghritheach IomraidheanCorra-Ghritheach DealbhanCorra-GhritheachBeurlaLaideann

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

InuktitutCeòl mòrSenonGàidhealtachd na h-AlbaÙirsgeulRoger Martin du GardLawrenciumSluagh-phoblachd na SìneTamailisTutankhamunConaltradhCoimpiutairEileanFoinseNorðurland vestraKhartoumEòinPeter HiggsIan BlackfordAn Dàrna Cogadh18764 an t-ÒgmhiosOilthigh CornellClàrsach1113A' ChomraichTorgny LindgrenAistearMarsaili NicUalraig Fhriseal16 an GibleanRaymond BurrJohn Beag Ó FlathartaLàrach-lìnPedophile1939Comhairle nan Eilean SiarEl GrecoDòmhnall Mac na CeàrdaichOilthighFaigheanMölnlyckeOstrava3 an t-SamhainColaiste DartmouthFìdheallAbhainn MhiraDhogsTràth làthaireachAntidorcas marsupialisAn Iapan1207AlbaCroitearachdDuais Nobel airson SìtheCladh (creideamh)SileaconAn GearasdanPoblachd na h-ÈireannLoch Aillse (sgìre)Eachdraiche ealaineSan MarinoDurrësZulu (cànan)Carolina a DeasGiùlanPrìomh-Dhuilleag11 an GibleanAinmeanBall-coise AimearaganachA' GhearmailtSputnic 1An TuircCroataisTarja Halonen🡆 More