'S e dreachd a th' anns a' phoileasaidh seo.
'S e dreachd a th' anns a' phoileasaidh seo.
Chan e deagh àite a th’ ann ann Uicipeid gus Gàidhlig a dhèanamh ‘nas fheàrr’ no airson cànan ùr a dhèanamh an àirde. Dh’ fhaodadh e bhith, ged-tà, na làrach airson briathrachas ùr a sgaoileadh agus daigneachadh. Ma tha deasbad ann dè an cruth as fheàrr ri chleachdadh (gu h-àraid airson tiotal na duilleig), feuch an cleachd sibh an duilleag deasbaireachd gus tighinn gu aonta air an fhacal as fheàrr.
Gu tric air Uicipeid bidh feum ann airson faclan nach cleachdar gu tric no gu laitheil. Ma bhios sibh a' cleachdadh fhaclan a tha a-mach às an abhaist,'s e an rud as fheàrr gun cuirear iomradh (reference) ann a bhios a' sealltainn dhan leughadair cò às an tàinig am facal. Mar sin, cuiridh leughadairean barrachd earbsa ann.
Mar eisimpleir, chithear air duilleagan leithid Suòmaidh gu bheil dà ainm ann airson ‘Finland’. Chì an leughadair gu bheil iomraidhean ann airson an dà ainm agus faodaidh an leughadair an taghadh fhèin a dhèanamh dè am fear as fheàrr leotha.
Goireasan air loidhne
Eisimpleirean de thùsan briathrachais earbsach air loidhne
Ann an Gàidhlig an latha an-diugh, tha caochladh ann a rèir dualchainnt, diofar seòrsa bhriathrachas agus diofar stoidhlean.
Tha cead aig gach neach a bhith a sgrìobhadh mar as fheàrr leotha a rèir dualchainnt, briathrachais, agus stoidhle cho fad ‘s tha
Na atharraich stoidhle a th’ aig daoine eile dìreach air sgàth ’s nach eil e a’ còrdadh riut fhèin. Mar phàirt den spèis agus modh a tha cudromach airson co-obrachadh, feumar spèis a thoirt do stoidhlean eadar-dhealaichte.
Tha a’ mhòr-chuid de ghràmar na Gàidhlig stèidhichte, aithnichte. An dràsta is a-rithist, nochdaidh ceistean air mar a tha an cànan ag atharrachadh. Ma tha deasbad ann mas e cleachdach aithnichte no ‘ceart’, cuirear luach air tùsan earbsach mar tùsan sam bith eile air Uicipeid.
This article uses material from the Wikipedia Gàidhlig article Poileasaidh Cànain Uicipeid, which is released under the Creative Commons Attribution-ShareAlike 3.0 license ("CC BY-SA 3.0"); additional terms may apply (view authors). Tha an t-susbaint seo ri fhaighinn fo CC BY-SA 4.0 mur eil an caochladh 'ga innse. Images, videos and audio are available under their respective licenses.
®Wikipedia is a registered trademark of the Wiki Foundation, Inc. Wiki Gàidhlig (DUHOCTRUNGQUOC.VN) is an independent company and has no affiliation with Wiki Foundation.