B’ Charles André Joseph Marie De Gaulle, (Lille, 22 an t-Samhain 1890–9 an t-Samhain Colombey-les-Deux-Églises 1970) seanailear Frangach agus stàitire a bha os cionn feachdan Saora na Frainge ri linn an Dàrna Cogaidh.
Stèidhich e 5mh Poblachd na Frainge ann an 1958 is bha e na cheann-suidhe bho 1959 gu ruige 1969. S’ e Général de Gaulle neo gu sìmplidh Le Général an t-ainm a tha airsan anns an Fhraing, ged an tug a chuid nàimhdean am far-ainm "La Grande Zhora" air.
Charles de Gaulle | |||||||||||||||
---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|
18 dhen Ògmhios 1940 - 3 dhen Iuchar 1944 ← no value - no value →
3 dhen Ògmhios 1944 - 20 dhen Fhaoilleach 1946 ← Philippe Pétain, Pierre Laval (en) - Félix Gouin (en) →
20 dhen Lùnastal 1944 - 20 dhen Fhaoilleach 1946 ← Philippe Pétain - Félix Gouin (en) →
1 dhen Ògmhios 1958 - 8 dhen Fhaoilleach 1959 ← Pierre de Chevigné (en) - Pierre Guillaumat (en) →
1 dhen Ògmhios 1958 - 8 dhen Fhaoilleach 1959 ← Pierre Pflimlin (en) - Michel Debré (en) →
8 dhen Fhaoilleach 1959 - 28 dhen Ghiblean 1969 ← René Coty (en) - Alain Poher →
8 dhen Fhaoilleach 1959 - 28 dhen Ghiblean 1969 ← René Coty (en) - Alain Poher → | |||||||||||||||
Beatha | |||||||||||||||
Ainm slàn | Charles André Joseph Marie de Gaulle | ||||||||||||||
Breith | Lille, 22 dhen t-Samhain 1890 | ||||||||||||||
Dùthaich | An Fhraing | ||||||||||||||
Àite-fuirich | Lùchairt na h-Élysée | ||||||||||||||
Ciad chànan | Fraingis | ||||||||||||||
Bàs | Colombey-les-Deux-Églises, 9 dhen t-Samhain 1970 | ||||||||||||||
Àite-adhlacaidh | grave of Charles de Gaulle (en) | ||||||||||||||
Nàdar a’ bhàis | adhbharan nàdarra (aneurysm (en) ) | ||||||||||||||
Teaghlach | |||||||||||||||
Athair | Henri de Gaulle | ||||||||||||||
Màthair | Jeanne Maillot | ||||||||||||||
Cèile | Yvonne de Gaulle (en) (1921 - 1970) | ||||||||||||||
Clann | |||||||||||||||
Bràithrean ⁊ peathraichean | |||||||||||||||
Fine | de Gaulle family (en) | ||||||||||||||
Foghlam | |||||||||||||||
Foghlam | École Spéciale Militaire de Saint-Cyr (en) Collège Stanislas de Paris (en) École supérieure de guerre (en) | ||||||||||||||
Cànain | Fraingis | ||||||||||||||
Dreuchd | |||||||||||||||
Dreuchd | stàitire, beatha-aisneisiche, military theorist (en) , oifigear agus neach-poileataigs | ||||||||||||||
Àitichean-obrach | Ingolstadt (en) , Wülzburg (en) agus An Fhraing | ||||||||||||||
Obraichean comharraichte | Mémoires de guerre (en) | ||||||||||||||
Duaisean a fhuaras | liosta
| ||||||||||||||
Ainmeachadh airson duaisean | liosta | ||||||||||||||
Buaidh | Philippe Pétain agus Charles Maurras | ||||||||||||||
Ballrachd | Ordre Nouveau (en) | ||||||||||||||
Far-ainmean | Charles de Lugale | ||||||||||||||
Seirbheis san arm | |||||||||||||||
Meur an airm | French Army (en) Free France (en) | ||||||||||||||
Ìre | seanalair bragàid | ||||||||||||||
Strì | An Cogadh Mòr Algerian War (en) An Dàrna Cogadh Battle of Verdun (en) Polish–Soviet War (en) Battle of France (en) Battle of Dakar (en) Battle of Gabon (en) Liberation of Paris (en) | ||||||||||||||
Creideamh | |||||||||||||||
Creideamh | Caitligeachd | ||||||||||||||
Pàrtaidh poileataigeach | Aonadh nan Deamocratach airson na Poblachd Cruinneachadh Muinntir na Frainge | ||||||||||||||
IMDb | nm0208540 | ||||||||||||||
S’ e mac Henri de Gaulle (1848–1932), saighdear agus mhaighstir sgoile agus Jeanne Maillot (1860–1940) a bh’ ann. Bha an teaghlach aige uabhasach caitligeach. Phòs athair ris a’ cho-ogha Jeanne ann an 1886. Bha freumhan iar-fhlaitheach à Normandaidh agus Burgundaidh aige a bharrachd air na Mac Cartan à Èirinn, agus s’ e ollamh ceilteach ainmeil a bh’ ann bràthair-athar. Chaidh e dhan sgoil Stanislas ann an Paris. Leugh de Gaulle Maurice Barrès, Henri Bergson agus Charles Péguy. Bha e na oileanach aig an Sgoil Saighdearachd Saint-Cyr bho 1908 gu ruige 1912. Chaidh e dhan 33mh rèisimeid-coise an dèidh sin, is e fon sheanailear Philippe Pétain. Phòs e ri Yvonne Charlotte Anne Marie Vendroux ann an 1921 is fhuair iad triùir duine-chloinne, Philippe (a rugadh ann an 1921), Élisabeth (a rugadh ann an 1924) agus Anne (1928–1948). Bha sionndram Downs aig Anne.
Ghabh e pàirt mar shaighdear anns A’ Chogadh Mhòr. Fhuair e deagh chliù ri linn a’ chogaidh sin. Chaidh e leòinte iomadh turas agus dh’fhàs e a bhith na chaiptean. Chaidh e a chur an greim leis na Gearmailtich aig Verdun ann an 1916, ach dh’fheuch e ri teiche air ais dhan chogadh còig tursan. Ghabh e pàirt ann an cogadh ri taobh na Pòlainnich an aghaidh na Ruisianich eadar 1919 agus 1921. Bha e an sàs fad na 20an is na 30an anns an iomairt airson tancaichean is plèanaichean cogaidh a bhrosnachadh, is e dhen bheachd gum biodh an stuth seo an dòigh na b’ fheàrr airson staing cogadh na trainnsichean a sheachnadh anns na làithean ri teachd. Fiù ’s sgrìobh e leabhraichean mun chuspair. Gu mì-fhortanach, cha robh seanailearan na Frainge air an aon ràmh is thog iad mur dìon, La Ligne Maginot, an aghaidh tancaichean is plèanaichean fhaighinn. Bha na smuaintean aige glè chudromach dha na Gearmailtich agus chleachd iad na sgrìobh de Gaulle an aghaidh na Frainge anns a’ Chogadh Thàirneanaich (Gearmailtis: Blitzkreig). Sgrìobh e leabhar mu dheidhinn a’ chogaidh ùire, Vers l’Armée de Métier ('Gu ruige Arm proifeiseanta') (1934).
Ri linn an Dàrna Cogaidh, chaidh e ainmeachadh na cheann-fheadhna eadar-amail, is e os cionn ionnsaighean soirbheachail le tancaichean an aghaidh na Gearmailtich ann an 1940. An dèidh Tuiteam na Frainge, theich e na fhògarrach gu Sasainn is chuir e air dòigh Feachdan Saora na Frainge (Fraingis: Forces Française Libres) còmhla ri feadhainn bhon riaghaltas a bha nam fògarraich thall ann an Lunnainn cuideachd. Bha na mìltean dhe Fraingich nam fògarraich thall thairis aig an àm an dèidh Dunkirk. Thall ann an Sasainn, rinn e òraid ainmeil, ris an canar A’ Ghairm (Fraingis: L’Appel) air an rèidio air an 18mh latha dhen Ògmhios 1940, is e ag iarraidh air an nàisean a chur an aghaidh na Gearmailtich Nàsach. Thuirt e: “Tha an Fhraing air batail a chall, ach chan eil An Fhraing air an cogadh a chall fhathast”. Ghabh e pàirt mar cheannard nam Frangach anns na h-iomairtean an aghaidh nan Nàsach air feadh na Roinne Eòrpa agus chaidh e a-steach gu Paris air 25mh latha dhen Lùnastal 1944. Bha e na phrìomhaire ann an riaghaltas eadar-amail na Frainge an dèidh an t-Saoraidh ann an 1944 is chuir e na feachdan aige air ais do Vietnam, Cambodia agus Laos, a bha airson a bhith an cuid neo-eisimeileachd a ghairm bhon an Fhraing. Leig e dheth am poileataigs ann an 1944, air sàilleabh sabaidean poileataigeach is chuir e seachad dà bhliadhna deug far a’ bheatha phoblach.
Thill e dhan riaghaltas le taic bho na seanailearan airson staing phoileataigeach a sheachnadh ann An Cèitean 1958. Stiùirich e sgrìobhadh Bun-reachd ùr gus Còigeamh Poblachd na Frainge a stèidheachadh, is chaidh e a thaghadh mar cheann-suidhe an ath-bhliadhna. Mar cheann-suidhe na dùthcha, chuir Charles de Gaulle stad air a’ mhì-riaghailt phoileataigeach agus an ainneart a bh’ann mus do thill e dhan riaghaltas. Aig an toiseach chuireadh e taic dhan riaghaltas Frangach ann an Aildiria ach, gu connspaideach, cho-dhùin e neo-eisimeileachd a thoirt gu Aildiria mu dheireadh thall. Chuir sin stad air cogadh cosgail mì-chòrdte, ach bha An Fhraing air a sgaradh. Dh’ùraich e an t-airgead ann Am Faoilleach 1960 airson smachd a ghabhail air na h-atmhorachd is gus fàs a thoirt dhan eaconomaidh. Bha De Gaulle an sàs ann an leasachadh na h-armachd niùclasach agus bhrosnachadh e poileasaidhean airson an Roinn Eòrpa gu lèir, is e a’ feuchainn ri buaidh Na Stàitean Aonaichte is Sasainn a lùghdachadh. Thug e An Fhraing à NATO, is bha e an aghaidh gun d’fhuair An Rìoghachd Aonaichte ballrachd Coimhearsnachd na Roinn Eòrpa. Choinnich e An t-Sìona Comunnach. Aig deireadh na cùise, bha e cho connspaideach gun d’fhuair e dubh-chàineadh bho na luchd-dùbhlain, gu h-àraidh na Comannaich is na Sòisealaich, is b’ fheudar dha trioblaidean mòra a shabaid ann An Cèitean 1968, is na h-oileanaich is na luchd-obrach a’ togail fianais anns na sràidean. Leig e dheth a dreuchd ann an 1969, ach ‘s e an ceannard poileataigeach na Frainge as chudromaiche nar làithean gus an latha an-diugh a bh’ ann.
A bharrachd air sin stèidhich e deagh chàirdeas eadar An Fhraing agus A’ Ghearmailt, air an togadh Aonadh na Roinne Eòrpa. Bha connspaideach thall ann an Canada far an tuirt e gu poblach gu robh e airson neo-eisimeileachd Quebec is e air turas oifigeil aig an àm.
Chaochail de Gaulle aig an taigh ann an Colombey-les-Deux-Églises air an 9mh latha dhen Shamhain 1970 le at-cuisle. Bha e faisg air a bhith ochdad bliadhna a dh’aois. Nuair a bhàsaich e thuirt ceann-suidhe na dùthcha gu robh An Fhraing na banntrach às aonais de Gaulle.
This article uses material from the Wikipedia Gàidhlig article Charles de Gaulle, which is released under the Creative Commons Attribution-ShareAlike 3.0 license ("CC BY-SA 3.0"); additional terms may apply (view authors). Tha an t-susbaint seo ri fhaighinn fo CC BY-SA 4.0 mur eil an caochladh 'ga innse. Images, videos and audio are available under their respective licenses.
®Wikipedia is a registered trademark of the Wiki Foundation, Inc. Wiki Gàidhlig (DUHOCTRUNGQUOC.VN) is an independent company and has no affiliation with Wiki Foundation.