Ceithir-Cheàrnach

'S e ceithir-cheàrnach an t-ainm a th' air poileagan aig a bheil ceithir ceàrnan, goban, no taobhan.

Faodaidh e bhith sìmplidh no fèin-thrasnaidh, dronnach no cuasach. Tha dà thrastan aig ceithir-cheàrnach, agus ma tha e sìmplidh 's e suim nan ceàrnan a-staigh 360°.

Ceithir-Cheàrnach
Ceithir-cheàrnaich a tha, bho chlì gu deas, dronnach, cuasach agus fèin-thrasnaidh.


Ceithir-cheàrnaich dhronnach

'S e na ceithir-cheàrnaich dhronnach a dh' aithnichte nas fheàrr, agus tha ainmean sònraichte aig cuid dhiubh.


Trapesium

'S e trapesium (facal Laideann leis an iolra: trapesia) a th' ann ma tha paidhir thaobhan co-shìnte aig a' cheithir-cheàrnach. Tha na ceàrnan ∠BAD agus ∠ADC co-leasachail, mar a tha na ceàrnan ∠ABC agus ∠BCD.

Ceithir-Cheàrnach 


Parailealogram

Ma tha an dà phaidhir thaobhan co-shìnte, 's e ceithir-cheàrnach co-shìnte no parailealogram mar ainm air. Tha trastain a' pharailealograim a' dèanamh dà leth air a chèile. Tha na taobhan mu choinneamh den aon fhaid agus tha na ceàrnan aig goban mu choinneamh co-ionnan.

Ceithir-Cheàrnach 


Rombas

Ma tha parailealogram ionnan-thaobhach, canar sinn rombas ris. Tha trastain an rombais a' trasnadh aig ceàrn ceart. 'S e parailealogram agus trapesium a th' ann an rombas agus tha e a' sealbhachadh feartan nan cumaidhean ud.

Ceithir-Cheàrnach 
’Se cuisean sònraichte de pharailealogram a th’ ann an rombas agus ann an ceart-cheàrnach.


Ceart-cheàrnach

Ma tha parailealogram ionnan-cheàrnach, canar sinn ceart-cheàrnach ris. Tha faid nan trastan co-ionnan agus 's e ceàrn ceart a th' anns gach gob. 'S e parailealogram agus trapesium a th' ann an ceart-cheàrnach agus tha e a' sealbhachadh feartan nan cumaidhean ud.


Ceàrnag

Ma tha rombas ionnan-cheàrnach, no ceart-cheàrnach ionnan-thaobhach, canar sinn ceàrnag ris. 'S e ceart-cheàrnach, rombas, parailealogram agus trapesium a th' ann an ceàrnaig agus tha i a' sealbhachadh feartan nan cumaidhean seo uile. A bharrachd air sin 's e ceithir-cheàrnach riaghailteach a th' innte.

Ceithir-Cheàrnach 


Ceithir-cheàrnaich chearclach agus bheantainneach

Ma ghabhas gach gob a' cheithir-cheàrnaich a' lorg air cearcall, 's ann cearclach a tha an ceithir-cheàrnach agus tha feartan eile aige.


Ceàrnan aig goban mu choinneamh

'S ann co-leasachail a tha na ceàrnan aig goban mu choinneamh ceithir-cheàrnaich cearclaich sam bith.

      Ceithir-Cheàrnach 
      Ceithir-Cheàrnach 
Ceithir-Cheàrnach 


Trapesium co-chasach

Ma tha trapesium cearclach tha e co-chasach. Tha loidhne cothromachaidh aige. Tha an aon fhaid aig na taobhan claon agus 's ann co-ionnan a tha na ceàrnan aig gach ceann nan loidhnichean co-shìnte.

Ceithir-Cheàrnach 

'S e cuisean sònraichte de thrapesium cearclach a th' ann an ceart-cheàrnach agus ceàrnag.


Ceart-cheàrnaich bheantainneach

Tha ceithir-cheàrnach beantainneach ma tha gach taobh dheth na bheantan ris an aon chearcall shnaighte. Ma tha e co-chasach, 's e itealag a th' ann. Tha a dhà de na taobhan a tha dlùth ri chèile co-ionnan agus tha an dà eile den aon fhaid cuideachd. 'S e an loidhne chothromachaidh an trastan as mò. Tha an trastan seo a' dèanamh dà leth air an trastan eile agus tha iad a' trasnadh aig ceàrn ceart.

'S e cuis sònraichte de dh' itealaig a th' ann an rombas agus ceàrnag.

Ceithir-Cheàrnach 

Ceart-cheàrnaich dhà-mheadhanach

Ma tha ceithir-cheàrnach beantainneach agus cearclach tha cuairtchearcall agus cearcall snaighte aige. San fharsaingeachd, chan eil an dà chearcall co-mheadhanach. Nam biodh, b' e ceàrnag a bhiodh ann.

Ceithir-Cheàrnach 

Tags:

Ceithir-Cheàrnach Ceithir-cheàrnaich dhronnachCeithir-Cheàrnach Ceithir-cheàrnaich chearclach agus bheantainneachCeithir-CheàrnachCeàrn (Matamataig)Poileagan

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

Seòl-maraMeur-coise1029Maria Skłodowska-Curie1936A’ GhearmailtCamanachdParamadairNàdarAlbaBeurla Ghallda an Ear-thuath a DeasA' Ghrèig ÀrsaidhSàgaicheanNelson RegionClara Ponsatí i Obiols1988Partan tuathalMongùs8 am MàrtAlascaFeamainnRoinn tìdeYnys Môn198730 an Giblean623Sìona (roinn chultarach)Roinn Eilbheiseach344MachairLùthGaisgeach2019Aonghas Dubh MacNeacail13 an t-Ògmhios2006PaladiumElías (Huila)Ingrid Bergman38322 an t-IucharBalla203Vladimir VoroninMelilla1246Carl BoschPoblachd Meadhan AfragaBrùchdLuzernMel GibsonAn deoch dhraoidheil39Cogadh Fuar20 an Cèitean1388EachdraidhSeumas VII Alba is II Shasainn15 am Faoilleach1237Bun-craoibheMuir-seilcheGrand Prix BhachrainLiechtensteinSeanchas na FèinneKhmelnytskyiIosrael799Tadeusz Reichstein1160an8991084CeannachaidhBarbados🡆 More