Sgìre Phàrlamaid Westminster Cair Chaladain Agus Cowdenbeath

'S e sgìre Phàrlamaid Westminster a tha ann an Cair Chaladain agus Cowdenbeath (Beurla: Kirkcaldy and Cowdenbeath).

Dh'ainmicheadh i air Cair Chaladain agus Cowdenbeath, bailtean ann am Fìobha.

Cair Chaladain agus Cowdenbeath
Sgìre Phàrlamaid Westminster Cair Chaladain Agus Cowdenbeath
Dùthaich Alba
Pàrlamaid Westminster
Ball Neale Hanvey BP
Pàrtaidh Pàrtaidh Alba
Luchd-bhòtaidh 72,853
Àireamh-bhòtaidh 47,025
Mòr-chuid 1,243

Chaidh a cruthachadh ann an 2005 bhon sgìre Cair Chaladain agus pàirtean de Dhùn Phàrlain an Ear. Bha Gordon Brown na BhP airson Dùn Phàrlain an Ear ro 2005.

Tha An t-Eilean Loisgte, Bàgh Dhealgadaidh, Cailtidh, Loch Geallaidh, Lann Fhìonain agus Dìseart cuideachd anns an sgìre seo. Tha i ann an crìch ri Dùn Phàrlain agus Fìobh an Iar, Gleann Rathais agus Ochail agus Siorrachd Pheairt a Deas.

Connspaid

Ann an 2019, chaidh an tagraiche SNP, Neale Hanvey, a chur à rèim rè ùine is am pàrtaidh a' rannsachadh rudan a sgrìobh e air Facebook is iad a' cleachdadh tròpaichean gràin an aghaidh Iùdhach. Bha e na shuidh mar bhall pàrlamaid neo-eisimeileach ach an dèidh dha a thilleadh gu SNP chaidh e agus Coinneach MacAsgaill sa' Phàrtaidh Alba anns a' Mhàirt 2021.

Buill Pàrlamaid

Taghadh Ball Pàrtaidh Mòr-chuid Àireamh-bhòtaidh
2019 Neale Hanvey Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba ro 2021, Pàrtaidh Alba 1243 47025
2017 Lesley Laird Pàrtaidh Làbarach na h-Alba 259 46283
2015 Roger Mullin Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba 9974 52892
2010 Gordon Brown Pàrtaidh Làbarach na h-Alba
2005 Gordon Brown Pàrtaidh Làbarach na h-Alba

Iomraidhean

Tags:

Cair ChaladainCowdenbeathFìobhaSgìrean phàrlamaid Westminster na h-Alba

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

Gregor Mendel201629 an t-ÒgmhiosNCòrnaich931Ùr-sgeulUilleam III Shasainn is II AlbaGànaBob Dylan2020anAn Iapan900anBùdachasEadar-theangachadh9 an CèiteanCàmhalTeàrlach IIAstràiliaInstitiùd Teicneòlais CaliforniaCreag a' MhuilleirKobiele WielkieDushanbeSamuel BeckettMìosachan GriogarachCaergybiUibhist a DeasSankt PeterburgMuc-mharaLunnainnWerner HeisenbergBerlin an Iar, Alba NuadhLibearalasAfragaDàibhidh CamshronMecca12001911Dùn PeilleirBith-eòlas6 an t-ÒgmhiosConfuciusSealainn NuadhGérard DebreuEilean EòinBrasíliaTomás HerreraDà-chànanas28 an t-Samhain21 am MàrtUganda1104DeachdairePàrtaidh Libearal Deamocratach na h-Alba5 an t-SamhainSpàinntisSeumas VINa h-Eileanan SiarAarhus957BolognaTeàrlach I11261587CatarMykolaiv (Mykolaivska Oblast)EachdraidhMNa LochlannaichBeathachBlàthMarocoMiotas-eòlasKurów11🡆 More