Bàrd Mhealaboist

Bàrd Mhealaboist (15 an Gearran 1901 - 7 an t-Samhain 1982).

B' e Murchadh MacPhàrlain an t-ainm ceart aige agus ’s e bàrd foillsichte bh' ann. Bhiodh e cuideachd a' strì airson na Gàidhlig.

Bàrd Mhealaboist
Beatha
Breith Mealabost, 15 dhen Ghearran 1901
Dùthaich Bàrd Mhealaboist Alba
Bàs 7 dhen t-Samhain 1982
Foghlam
Cànain Gàidhlig
Dreuchd
Dreuchd sgrìobhadair, saighdear agus bàrd
Gnè ealain bàrdachd

Rugadh agus thogadh e ann am Mealabost, Eilean Leòdhais. Shiubhal e gu Aimearaga a Tuath anns na ficheadan agus thug deannan bhliadhna ann am Manitoba, àite bu bheag air, agus b' e siud tùs an òrain ainmeil "'S fhada leam an oidhche gheamhraidh". Rinn e seirbheis armaichte anns an Dàrna Cogadh bho 1942 gu 1945, agus an sin phill e a Leòdhas, 's rinn tàmh ann gu deireadh a bheatha. Anns na seachdadan chaidh a' bhàrdachd aige a chleachdadh anns na h-òrain aig na h-Òganaich, agus chuir an Gasaet Steòrnabhaigh a-mach comh-chruinneachadh de 'bhàrdachd "An Toinneamh Dìomhair" an 1973, agus an dhèidh sud bha a' bhàrdachd aige a' faighinn nas motha luchd-èisdeachd agus bhrosnaich e grunn chòmhlain-chiùil mar eisimpleir Runrig agus Capercaillie. Dh'fhoillsicheadh Cànan nan Gàidheal, an t-òran as ainmeile aige, ann an iris Gairm ann an 1975. Chur Comunn Gàidhealach Steòrnabhagh a-mach leabhar agus reacordadh-teipe "Dàin Mhurchaidh" a ghlèidh deannan de 'òrain air an seinn leis fhéin ann an 1986.

Bha e an aghaidh an campa NATO aig port-adhair Steòrnabhagh a dhèanamh nas motha. Is esan cuspair a' phrògram Murchadh MacPhàrlain; Bàrd Mhealaboist a choisinn duais Fèis na TBh is nam film Ceilteach airson aithriseachd ealain a b' fheàrr ann an 2001.

Ceangalan a-muigh

Tags:

15 an Gearran190119827 an t-Samhain

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

LiechtensteinEadar-lìonAn t-Ath-LeasachadhValentina TereshkovaAistearNeo-eisimeileachd na h-AlbaBangladaisEun-creachaidhTavauAn Roinn-EòrpaWisława SzymborskaPàipear-èibhinnAinmh-eòlasÀiteachasÙghdarrasan ionadail anns a' ChuimrighBaile GuatemalaAr NorMàthairÀrsaidheachdDonald Trump22 am MàrtSeilleanZhytomyrEige1971Baile ChloichridhKasabianNils HolmerCarl Theodor SetterbergÁvilaAm Muir CaraibeachNeda NezhdanaA' ChuimrighA' PhortagailAn t-SuainCànan SilesianachAtharrachadh na Gnàth-shìdeA' PhloicGràdh Geal Mo Chridh'Ruadhainn16 an GibleanSpotRomàinisAlbany, Eabhraig NuadhBàrdachdElie WieselAbhainn ÌleNirribhidhLusGini Nuadh PhaputhachCatBeàrnaraigh na HearadhTaiseadInnleadairTeaghlach1828WormsCànanan Innd-EòrpachBenjamin HarrisonCànain GhearmaineachAn Cogadh MòrFrançois Hollande22 an GearranEudorcas rufifronsEigeòlasNa h-AilpeannanBith-eòlasAdolf Eichmann2002FoinseDerek WalcottRosgInneal-bualaidhEl Greco🡆 More