Bremen

‘S e baile mòr agus port faisg air Oldenburg air an àirde an ear-thuath na Gearmailt a tha ann am Bremen (IPA:bʁemən).

Bremen
Bremen Bremen
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
Bremen
Suidheachadh
Dùthaich a' Ghearmailt
Sgìre Bremen
Co-chomharran 53° 04' 33' Tuath
08° 48' 27' Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 327 km²
Àireamh-shluaigh 548,477 (2006)
Dlùths 1,677.3/km²
Àireamh fòn 0421
Duilleag oifigeil Comhairle a’ Bhaile

‘S e fear dhe na 16 stàitean (Gearmailtis: Länder) na dùthcha. Tha am port Bremerhaven, 60km air falbh mu thuath, am broinn na stàite cuideachd. Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 150. Tha am pàirce-nàiseanta Lüneburger Heide suidhichte iar air Bremen.

Eachdraidh

Tha e coltach gu bheil Bremen uamhasach seann ach chan eil sinn idir cinnteach dìreach cho seann ‘s a tha e. Sgrìobh Claudius Ptolmaeus mu dheidhinn Phabiranum, a bha fo buaidh na Cauci ann 150. Anns an 8mh Linn chaidh feachdan Theàrlaich Mhòir gu ruige na h-aibhne Weser gus Crìosdaidheachd a thoirt do treubhan pàganach na sgìre. Thug Riourik, Lochlannach às An t-Suain, aig an robh oighreachdan mòra ann am Friesland, ionnsaigh air Bremen ann an 859 ach, air sgàth sin, thug an Rìgh Louis II a-mach às an dùthaich e. Chaidh easbaigeachd a chur air dòigh anns a’ bhaile, is na easbaigean à Bremen ag iomairt air Crìosdaidheachd a thoirt gu Lochlann fad na linntean.

Bhagairt Heinrich XII à Bayern air cumhachd nan Easbaig anns an 12na linn. Rinn esan a’ chùis orra, ghabh e thairis am baile, chuir e riaghaltas sìobhalta nan àite, is leig esan na bu laigse iad; ‘S e baile marsanta a bh' ann an a dhèidh, is bha làmh an uachdair aig loingeas Bhremen ann an ceann a deas A’ Chuain Tuatha gus a nochd an Lìog Hansa, co-bhann a bha os cionn na Mara Bhaltach, is iad a’ cleachdadh caidreachasan airson An Cuan Tuath a chur fo smachd dhaibh. Aig toiseach an 14mh Linn chuireadh bàtaichean spuinneadair à Bremen ionnsaighean air soithichean Hansa aig muir. Ach mu dheireadh thall, ann an 1358, ghabh comhairlichean à Bremen pàirt ann an co-labhairt Hansa ann an Lübeck is chuir iad roimhpe ballrachd Hansa fhaighean airson cogadh a sheachnadh.

Bha Bremen na bhall cùlachrach diùid na Hansa: dh’iarradh am baile cuideachd air an Hansa anns na h-iomairtean a bheireadh e an aghaidh cinn-fheadhna na treubhan Friesianach anns an sgìre air inbhir na h-aibhne Weser, ach cha bhiodh Bremen daonnan an sàs ann an Iomairtean na Hansa anns a’ Muir Bhaltach. Bha am mì-rùn sin gu math ùpraideach ann an 1425, is loisg muinntir Bhremen sgrìobhainnean na Hansa dìreach ann an Ceàrnag an fhèille ann am meadhan a’ bhaile. Thilgeadh Bremen a-mach às an lìog ann an 1427, le toraidhean mòra: Dh’iarr stàitean eile, mar Oldenburg, air Bremen gun cuireadh e talamhan dhaibh leis cho lag ‘s a bha Bremen gun cuideachadh na Hansa, is chaill am baile mòran thalmhan air sgàth sin.

Chaidh a’ chiad port innealta na Gearmailte a thogail ann am Bremen Vegesack ann an 1620. Ann an 1827, air sàilleabh gu robh am Weser a' fàs beag air bheag na bu ghainmhiche, cheannaich Bremen oighreachdan aig inbhir na h-aibhne fhèin, airson port eile fhaighinn is thug iad Bremerhaven air, neo Port Bremen sa Ghàidhlig. Chaidh an companaidh cudromach muireil Lloyds na Gearmailte an Tuath a stèidhich ann an 1857. Leasachadh obraichean mairearachd na h-aibhne fad na 1870an –1880an.

Dh’fhàsadh am baile beag air bheag tro mhalairt is gnìomhachasan is chaidh oifis margaidh chotain a chuir air dòigh ann an 1872. Chaidh àireamh-shluaigh a’ bhaile suas bho mu 35,000 ann an 1812 gu cor ris 100,000 ann an 1875 is fiù’s 250,000 ann an 1911.

Bha Bremen na bhall Co-chaidreachas na Gearmailte a Tuath bho 1867 gu ruige 1871 is an uair sin bha e am broinn stàit ùr, Iompaireachd na Gearmailte bho 1871, ach chum e a chuid neo-eisimeileachd taobh cusbainn is cìsean gu ruige 1888. Gu mì-fhortanach, chaidh oidhirp a dhèanamh air beatha an Iompaire Gilliam II ann am Bremen ann an 1901.

‘S e na Sasannaich a bha os cionn Bhremen dìreach an dèidh an Dàrna Cogaidh, is an uair sin na h-Aimearaganaich bho 14mh An t-Sultain 1944 o chionn 's gu robh iad ag iarraidh gum biodh port air a’ Mhuir a Tuath anns an sgìre aca. Le sin cha bheireadh Bremen a-steach do Shagsainn Ìosail, leis gu robh an roinn sin anns an sgìre a bha fo bhuaidh nan Sasannach. Air sgàth sin, chaidh Bremen a ghairm na bhaile neo-eisimeileachd Hansa (Gearmailtis : Freie Hansestat) am broinn Poblachd Fheadarail na Gearmailte ann an 1947, le Bremerhaven na bhroinn oir nach robh e idir faisg air fearann Shagsainn Iosail.

Daoine Ainmeil

Gnàth-shìde


Bremen  Fiosrachadh airson Bhremen
Mìos Faoilleach Gearran Màrt Giblean Cèitean Ògmhios Iuchar Lùnasdal Sultain Dàmhair Samhain Dùbhlachd Bliadhna
Teodhachd as àirde ann am meadhan (Celsius) 3 3 7 11 17 20 21 21 18 13 7 5
12
Teodhachd as ìsle ann am meadhan (Celsius) -1 -1 1 2 7 10 12 12 9 6 2
5
Neart na Gaoithe 25 km/h 16 km/h 20 km/h 17 km/h 14 km/h 16 km/h 16 km/h 16 km/h 17 km/h 17 km/h 19 km/h 22 km/h
17 km/h
Bho: www.weatherbase.com

Bailtean Co-cheangailte

Dealbhan

Ceanglaichean A-mach

Iomraidhean

Tags:

Bremen EachdraidhBremen Daoine AinmeilBremen Gnàth-shìdeBremen Bailtean Co-cheangailteBremen DealbhanBremen Ceanglaichean A-machBremen IomraidheanBremen150A' GhearmailtBaileDùthaichGearmailtisIPALüneburger HeideOldenburgPort

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

An RuisGuadeloupeLàrach-lìnHunzahúa1189DannsaOllisdal LochsLeonardo Da VinciMainzAlbaBachrainUilleam III Shasainn is II Alba1970anÅlandBologna19921931Coirèa a DeasWalter ScottSpioradalachd1724An Abchas17 an t-IucharAr-a-mach na Gearmailt2020MìosachanOpossumGeoimeatrasQuébecN.W.A.Di-SathairneElla FitzgeraldMean-fhàs276Afraga a DeasRecep Tayyıp ErdoğanKhartoumGuiana FhrangachMiotas-eòlasA' Bhreatainn BheagCian-chonaltradhNàiseanNollaigBrabhsair-lìnSamuel BeckettGall-GhàidhealaibhAn GibleanCeit FhoirbeisAsmaraÌleTionndadh GnìomhachaisObar DheathainCreideamhNantesGini Nuadh PhaputhachMatamataigGamal Abdel NasserAlasdair mac Mhaighstir AlasdairSèimheachadhA' Bheurla Ghallda anns an Ear-thuath a DeasLoch Erie1890anAn t-Ath-LeasachadhCridhe CoinGabonLunnainnComhairle Dhùn Phris is Ghall-GhàidhealaibhEl SalbhadorNeo-eisimeileachd na h-AlbaTuigse inntealta30 an t-IucharBuidheann cinneachailTri Yann🡆 More