Blà Bheinn

'S e beinn anns a' Chuiltheann anns an Eilean Sgitheanach a tha ann am Blà Bheinn.

Tha i 928 m a dh'àirde agus 's e an aon Bheinn Rothaich anns a' Chuiltheann nach eil na phàirt de dhruim a' Chuilthinn, ach tha i mu a choinneamh air taobh eile Gleann Sligeachain. Tha dà mhullach oirre agus tha ceum cumhang gan ceangal ri chèile.

Blà Bheinn
Blà Bheinn
Blàbheinn (làimh chlì), a' Chlach Glas & Garbheinn bho Chille Bhrìghde
Àirde (m) 928
Àirde (tr) 3,044
air liosta Beinn Rothaich
Suidheachadh
Blà Bheinn is located in Alba
Blà Bheinn
Blà Bheinn (Alba)
Suidheachadh An t-Eilean Sgitheanach
Mapa cumadh-tìre Landranger 32
Comharradh-clèithe NG52992174

'S e measgachadh de chànanan a th' anns an ainm. Tha bla a' tighinn bhon t-Seann-Lochlannais, agus a' ciallachadh gorm. Chan eil e ceangailte ris an fhacal blàth sa Ghàidhlig. 'S e eileamaid Ghàidhlig a th' anns a' bheinn, ach tha òrdugh nam facal a' sealltainn gum b' àbhaist fjell a bhith air a' phìos sin den ainm.

Tha iomadh slighe a' toirt sreapadairean dhan mhullach, ach 's e an dòigh as cumanta a bhith a' leanainn a' cheuma gu ruige Coire Uaigneich bho thaobh an iar, far a bheil ceum math. An uair sin chan eil an t-slighe cho follaiseach, ach leanaidh e suas a' bheinn bhon ear-dheas tro chreagan is sgàirneach. Tha iomadh slighe sreap air gach taobh den cheum. Bidh cuid ga cheangal le Clach Glas agus Sgùrr nan Each.

Gheibhear sàr sheallaidhean den Chuiltheann bho mhullach Bhlà Bheinn.

Ceanglaichean a-mach

  • Iomraidhean nam mapaichean airson comharradh-clèithe: NG 531 217

Iomraidhean

Tags:

An CuiltheannBeinn RothaichEilean Sgitheanach

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

18381335Fergie Dòmhnallach1219Bizkaia (provincia)DeimosEòlas-comainn1 an GearranBocsaUicipeidPoblachd na h-ÈireannCarles Puigdemont i CasamajóHionduthachd1504Frederick John Robinson, 1d Biocas GoderichCian-chonaltradhMississippi (abhainn)ReykjavíkARotterdamEartraAfragaMarie AntoinetteÀiteachasAibidil EabhraGreugaisPrìomh-DhuilleagDigital Object IdentifierAchd na Gàidhlig 2005Stefania TurkewichFraingisVirginia2 an Gearran2019Svalbard12 an GibleanJohn Howard Northrop2024GàidhligRonaldinho1960Eilean MhanainnFèineag1899SpòrsMiotas-eòlasEòlas-inntinnLuibh-eòlas1894PCuan SèimhAlexei NavalnyAn Cogadh MòrAn Rìoghachd Aonaichte198630 an t-Sultain1616DàirichCànan19121934GeòlasNa h-AimearaganJersey Nuadh1876Wikimedia🡆 More