Björn Jónsson

B' e neach-lagha, agus neach-poileataigs à Innis Tìle a bh' ann am Björn Jónsson.

Rugadh e air 8 an Dàmhair 1846 ann an croit air a bheil Djúpidalur (Vestfirðir). Fhuair e a chuid foghlaim aig Menntaskólinn í Reykjavík agus Oilthigh Copenhagen. Chaidh a thaghadh dhan Alþingi airson a' chiad turais ann an 1878 agus bha e na labhraiche ann an 1909. Bha e na Ráðherra Íslands (Gàidhlig: Prìomh-mhinistear) bho 1909 gu ruige 1911 às leth Sjálfstæðisflokkurinn (Gàidhlig: Pàrtaidh na Neo-eisimeileachd). Phòs e aig Elísabet Guðný Sveinsdóttir ann an 1874 agus fhuair iad ceathrar duine cloinne còmhla. Rinn e aon rud fa leth cudromach fhad 's a bha e os cionn an riaghaltais: Achd Toirmeasg Dighe-làidir, a mhair gu ruige 1934. Dheasaicheadh e iomadh pàipear-naidheachd fad bliadhnaichean: Skírnir (1873 – 1874), Ísafold (1874 – 1909), Alþingistíðindi (1879 agus 1883 – 1895), Iðunn (1884 – 1889), Þingvallafundartíðindi (1888), Heimilisblaðið (1894 – 1896), Sunnanfari (1900 – 1903), Magni (1912). Bu cho dlùth an dàimh a bh' ann eadar Jónsson agus pàipear-naidheachd Ísafold gun cuireadh na far-ainmean Björn í Ísafold agus Ísafoldar-Björn airsan. B' e a mhac Sveinn Björnsson a bh' ann a' chiad cheann-suidhe na dùthcha ann an 1944, nuair a ghabh Innis Tìle leis a' Phoblachd. Chaochail Jónsson ann an Reykjavík air 24 an t-Samhain 1912.

Björn Jónsson
Björn Jónsson
Ball an Alþingi


Prìomh-mhinistear Innise Tìle

31 dhen Mhàrt 1909 - 14 dhen Mhàrt 1911
Hannes Þórður Pétursson Hafstein - Kristján Jónsson
Beatha
Breith 8 dhen Dàmhair 1846
Dùthaich Björn Jónsson Innis Tìle
Bàs 24 dhen t-Samhain 1912
Teaghlach
Clann
Foghlam
Cànain Innis Tìlis
Dreuchd
Dreuchd neach-poileataigs agus neach-naidheachd
Creideamh
Pàrtaidh poileataigeach Sjálfstæðisflokkurinn (eachdraidheil)

Caibineit Jónsson

Iomraidhean

Ceanglaichean a-mach

Ro-theachdair:
Hannes Þórður Pétursson Hafstein
(1909)
Forsætis­ráð­herra
Neach-ionlaid:
Kristján Jónsson
(1911)

Tags:

184618731874187818791883188418881889189418951896190019031909191119121934194424 an t-Samhain8 an DàmhairAlcolAlþingiDùthaichFoghlamGàidhligInnis TìleMenntaskólinn í ReykjavíkNeach-laghaNeach-poileataigsOilthigh CopenhagenPoblachdPrìomh-mhinistearPrìomh-mhinistear Innise TìlePàipear-naidheachdReykjavíkRiaghaltasSjálfstæðisflokkurinn (eachdraidheil)Sveinn BjörnssonVestfirðir

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

8 an t-ÒgmhiosJohannes VermeerBruach-an-IarIstanbulDavid HumeEilean EòinAmeireaga-a-TuathBreatainn MhòrCoimpiutaireachdZug (Kanton)An t-SuainLiotuàiniaSeann-GhàidhligDiùcachd NassauBeurlaCoilleMeatailt DhubhAn LaitbheCasachstàn27RomàinisLaghDoris LessingMosgoDàibhidh CamshronFuath-bìdhImpireachd nan OtomanachLibiaBunan-lùth nach teirg ann an AlbaDlùth-chruinneasNa h-Eileanan MharshallSluagh-phoblachd na Sìne22 an GearranCreimicheDùthaich nan TàidhVladimir PutinGuðmundur Emil Jónsson147518897 an LùnastalTomás HerreraNileAm MàrtBlàr Stalingrad7 am FaoilleachSealainn NuadhAn Antartaig380anAimearaga a DeasGNa Tìrean ÌsleTionndadh GnìomhachaisKerala1953Stephen Flynn2023Oscar WildeLàn-thoradh DùthchailDannsaEadailtisCaorannTeàrlach IErnst Otto FischerMiotas-eòlasSeumas VIPrionnsachd AsturiasThe Beatles19921061Patrick MooreKurt Wüthrich1931Fritz HaberDàirichGeorge H. W. Bush🡆 More