Siorrachd Bihor

'S e roinn (Romàinis: Județ) air an àirde an iar-thuath Romàinia a th' ann Bihor (IPA: biˈhor, Gearmailtis/Ungairis: Bihar).

Județul Bihor
Bihar Megye
Siorrachd Bihor
Gearradh-arm
no Seula
Siorrachd Bihor
Dealbh
Siorrachd Bihor
Suidheachadh
Dùthaich Siorrachd Bihor Romàinia
Prìomh-bhaile Siorrachd Bihor Oradea
Roinn Eachdraidheil Crişana
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 7,544 km²
Àireamh-shluaigh 575,398 (2011)
Dlùths 76.27/km²
LTD US$ 5.82 billean (2008)
Àireamh fòn +40 59
Clàr Àireamh-carbaid BH
Duilleag oifigeil Riaghaltas Roinneil

Tha e suidhichte eadar Arad, Alba, Cluj, Sălaj agus Satu Mare. 'S e Oradea a th' ann prìomh-bhaile na roinne. Thathar dhen bheachd gur ann à vihor (iadh-lus) ann an Sèirbis neo à Biharea (theirig) ann an Dacais a tha an t-ainm Bihor. 'S e Bihor an t-siamh roinn as motha na dùthcha a thaobh fharsaingeachd agus an 11mh a thaobh àireimh-shluaigh.

Eachdraidh

Nuair a ràinig sinnsearan nan Ungaireach dhan Roinn Eòrpa bha treubh ann air an robh na Kabar, a ghabh pàirt ann an cogaidhean nan Ungaireach. 'S ann ann am Bihor a thuinich a' mhòr-chuid dhuibh. B' e Bihor a' chiad àite ann an Transsilvania far an deach Romàinianaich a chlàradh, ann an 1283. Chaidh an roinn a stèidheachadh eadar 1020 agus 1050 ri linn Szent István király, a' chiad Rìgh na h-Ungaire. Bhuineadh Bihor, mar iomadh roinn eile air an àirde iar-thuath Romàinia, dhan Ostair-Ungaire ron a' A' Chogaidh Mhòir. Chaill An Ungair Bihor ann an 1920.

Cinnidheachd

  • Romàinianaich – 67.38%
  • Ungairianaich – 25.96%
  • Romani – 5.10%
  • Slobhaicianaich – 1.22%
  • Gearmailtich – 0.19%
  • Eile - 0.16%

Creideamhan

  • Ortodogsaich Romàinianach – 59.7%
  • Pròsdanachas – 18.1%;
  • Caitligich – 11.5% (Dòigh na Ròimhe – 9.2%; Dòigh Ghreugach – 2.3%)
  • Caingisich – 5.7%;
  • Baistich – 3.7%;
  • Aidmheinich – 0.3%;

Bailtean as Motha

Tha ainm aig a h-uile baile ann an Ungairis agus ann an Gearmailtis aig mòran dhuibh o chionn 's gu robh coimhearsnachdan làidir ann ron a' Chogadh Mhòr agus àm Dej/Ceauşescu far an robh na cànain seo gam bruidhinn.

Baile Muinntir
Oradea (Gearmailtis: Großwardein, Ungairis: Nagyvárad, Slòbhacais: Veľký Varadín) 196,367
Salonta (Gearmailtis: Großsalontha, Ungairis: Nagyszalonta) 17,735
Marghita (Gearmailtis: Margarethen, Ungairis: Margitta) 15,770
Săcueni (Gearmailtis: Zickelhid, Ungairis: Székelyhíd) 11,526
Beiuș (Ungairis: Belényes) 10,667
Aleșd (Ungairis: Élesd) 10,066
Valea lui Mihai (Ungairis: Érmihályfalva) 9,902
Sânmartin (Ungairis: Váradszentmárton) 9,572
Tinca (Ungairis: Tenke) 7,793
Popești (Ungairis: Papfalva) 7,362
(Bho: 20mh an Dàmhair 2011)

Daoine Ainmeil

Iomraidhean

Ceanglaichean A-mach

Siorrachd Bihor 
Commons
Tha dealbhan ann an Wiki Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo:

Tags:

Siorrachd Bihor EachdraidhSiorrachd Bihor CinnidheachdSiorrachd Bihor CreideamhanSiorrachd Bihor Bailtean as MothaSiorrachd Bihor Daoine AinmeilSiorrachd Bihor IomraidheanSiorrachd Bihor Ceanglaichean A-machSiorrachd BihorAinmAlba (Roinn)Arad (Roinn)Cluj (Roinn)DùthaichGearmailtisIPAOradeaPrìomh-bhaileRomàiniaRomàinisSatu Mare (Roinn)SèirbisSălaj (Roinn)UngairisÀireamh-shluaigh

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

Sheòirsea a Deas is na h-Eileanan Shandwich a DeasCeòl-sgrìobhaicheSuòmaidhSpioradalachdDubaiSan Jose, CalafòrniaCoparDenverAn t-Aonadh Eòrpach658Santo DomingoScandiumAn LùnastalBeàrnan-brìdeMatamataigearLeabhar7mh LinnTubhaluAshgabatAsarbaideànGàidhlig Chanada1120Atharrachadh na Gnàth-shìde199623 an GibleanGall-GhàidhealaibhDasht-e KavirSpruis1778Dàin do EimhirLa HabanaEun-turaisDùthchannan san Roinn Eòrpa2011Mìosachan Griogarach2000José Vicente Concha33414318 an t-IucharPKhmelnytskyi2030an1923CalafòrniaCian-chonaltradh22 an Giblean1898FirefoxMì-rian oireach na pearsantachdFriedrich EngelsBerneGualuisgBeiliseCànan prògramaidhAbhainn ChluaidhCruinn-eòlasFìdheallBangladaisÌosa CrìosdCopenhagen1745Minecraft921Modesto, CalafòrniaNeville ChamberlainAiltireachdNicosiaNa h-OlympicsLouis PasteurGini🡆 More