Beinn Nam Fadhla

’S e eilean anns na h-Eileanan Siar ann an Albainn a tha ann am Beinn nam Fadhla , neo Beinn na Faoghla (neo An t-Eilean Dorcha ann am bàrdachd).

Beinn nam Faodhla
Beinn Nam Fadhla
Beinn Nam Fadhla
Suidheachadh
Dùthaich Alba
Innis-mhuir Na h-Eileanan an Iar
Co-chomharran 57.446° T
7.320° I
Comharradh-clèithe NF807525
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 82 km²
Àireamh-shluaigh 1,303 (2011)
Dlùths 15.89/km²

Tha e a-nis ceangaile ri Uibhist a Tuath agus Uibhist a Deas le cabhsairean. Ann an 2011 bha 1303 daoine a' fuireach ann. Ann an 2006 chaidh a' chuid as mhotha de dh’fhearann Bheinn nam Fadhla a cheannachd le Stòras Uibhist.

Cruinn-eòlas

Tha an t-eilean, mu 12 km air fad is air leud, na laighe eadar Uibhist a Tuath agus Uibhist a Deas. Tha fadhlaichean eadar na h-eileanan, agus anns na seann làithean dh’fheumte feitheamh gus am biodh a’ mhuir ìseal airson a dhol eadarra, ach a-nis tha cabhsairean ann. Tha port-adhair ann am Baile a' Mhanaich le turasan gach latha a Steòrnabhagh, Glaschu is Barraigh.

Ainm

Chan eil ach aon ainm [beNʲəvɤːLə] air an eilean a thaobh labhairt, ach tha an t-ainm sin air a sgrìobhadh ann am pailteas de dhòighean:

  • Beinn nam Fadhla,
  • Beinn na Faoghla
  • Beinn na Faghla
  • Beinn na Fadhla
  • Beinn na Bhaoghla
  • Beinn a’ Bhaoghla
  • Beinn na bhFadhla
  • Beinn nam Faola

’S ann bho na fadhlaichean ris an ruigear an t-eilean a thàinig an dàrna pàirt den ainm. Thàinig am facal Gàidhlig “fadhail” bhon Lochlannais “vaðill”, agus tha e càirdeach ris an fhacal Bheurla “wade”. ’S e facal boireann a tha ann am “fadhail”, ach tha am [v] seachas [f] san fhuaimneachadh a’ sealltainn gur ann ás an iolra “nam fadhla” seachas “na fadhla” a thàinig an t-ainm. Bhiodh an ceangal eadar brìgh agus fuaimneachadh na bu shoilleir nam b’urrainn dhuinn “na bhFadhla” a sgrìobhadh mar a nìthear ann an Gàidhlig na h-Éireann, ach cha robh an dòigh litreachaidh sin riamh cumanta ann an Albainn.

Tha e car coltach gur ann à “peighinn” (Beurla pennyland) seachas “beinn” a thàinig a’ chiad phàirt den ainm, ach chan eil sin cinnteach.

Iomraidhean

Ceanglaichean a-mach


Tags:

Beinn Nam Fadhla Cruinn-eòlasBeinn Nam Fadhla AinmBeinn Nam Fadhla IomraidheanBeinn Nam Fadhla Ceanglaichean a-machBeinn Nam FadhlaAlbaNa h-Eileanan SiarStòras UibhistUibhist a DeasUibhist a Tuath

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

MoliseTess MerkelÀisiaKhmelnytskyiMichiel HuismanLingua Franca Nova1526RèabhlaideachAlan G MacDiarmid28A' Choille Shear (sgìre Phàrlamaid na h-Alba)An Innd-Innse1944Aodach13 an t-ÒgmhiosJöns Jacob BerzeliusDmitri MendeleevLiechtenstein13888328BòtannDeòrsa II, Rìgh Bhreatainn is Èireann9961979Rìoghachd na h-AlbaMekabuAmhachAonghas Dubh MacNeacailNorthland RegionBith-mhoileciuilSiorrachd BhanbhSgoil Eòlais na h-AlbaBreac (tinneas)PeÈideann na Seachd MuirBeurla GhalldaAlmazánWilliam Lamb, 2na Biocas Melbourne20 an GearranCamanachd UibhistBunan-lùth nach teirg ann an Alba1084BBC a dhàMayotteTraonEarra-GhàidhealDuluth, MinnesotaMachairEmmen13 an Gearran280anAn t-Aonadh EòrpachClara Ponsatí i ObiolsIngrid BergmanFungasNeach-poileataigs2002486Blas (dualchainnt)1837Guðmundur Emil Jónsson1029Barbados1 an t-Samhain1483Tìr-mòr na SìneNelson Region488TailiumDinnsear1246699🡆 More