Beinn Tangabhal

7°31′55″W / 56.960182°N 7.531984°W / 56.960182; -7.531984

'S e beinn anns na h-Eileanan Siar, Alba a th' ann am Beinn Tangabhal (Beurla: Ben Tangaval).

Beinn Tangabhal
Beinn Tangabhal
Sealladh air Beinn Tangabhal bhon taobh tuath
Àirde (m) 332
Àirde (tr) 1089
Àirde rinneach (m) 308
air liosta Marilyn, HuMP
Suidheachadh
Beinn Tangabhal is located in Alba
Beinn Tangabhal
Beinn Tangabhal (Alba)
Suidheachadh Barraigh
Mapa cumadh-tìre OS Landranger (31)
OS Explorer (452N)
Comharradh-clèithe NL638990

Suidheachadh

Tha e suidhichte ann an deas an eilean Bharraigh mu 2,5km (1,5 mìle) iar air Bàgh a' Chaisteil. San ear tha an rathad A888 a' dol seachad air a' bheinn, ach chan eil slighe ann a leanas gu mullach na beinne. Deas air Beinn Tangabhal tha rathad beag ann a tha a' ceangail Bàgh a' Chaisteil le Bhatarsaigh.

Tha Beinn Tangabhal 332m (1089 troigh) de dh'àirde A rèir an "Database of British and Irish hills" rinneadh an t-ath-sgrùdadh mu dheireadh a thaobh àirde na beinne san 10 an t-Samhain 2012. Air mullach na beinne chithear leac thriantanachd a bhios a' sealltainn a' phuing as àirde. Tha an àirde rinneach de 308m a' sgaradh Beinn Tangabhal bho na beanntan eile. 'S e Marilyn is HuMP a th' ann. Gu ìre mhòir chaidh a' bheinn a chruthachadh à gneiss.

Freumh an ainm

Tha an t-ainm Tangabhal a' gabhail a-steach an gnàth-eileamaid Lochlannais "fjall" airson "beinn" aig deireadh an ainm. Nochdaidh fjall mar "bhal" neo "val" anns na h-ainmean Gàidhlig. A rèir Borgström thàinig ainm na beinne bhon ainm Lochlannach "Tangafiall" (Beurla: Headland Hill) far a bheil "tangi" a' ciallachadh rubha, ainm freagarrach airson suidheachadh na beinne. Tha e inntinneach gu bheil am facal "Beinn" aig toiseach an ainm "Beinn Tangabhal" agus am facal "bhal" a' nochdadh a-rithist mar phàirt den eileamaid shònrachaidh. Tha sin a' sealltainn mar a dh'atharraich ainm na beinne tro na linntean le muinntir Bharraigh nach robh a' tuigsinn Lochlannais tuilleadh.

Iomraidhean

Dealbhan

Faic cuideachd

Ceanglaichean a-mach

Tags:

Beinn Tangabhal SuidheachadhBeinn Tangabhal Freumh an ainmBeinn Tangabhal IomraidheanBeinn Tangabhal DealbhanBeinn Tangabhal Faic cuideachdBeinn Tangabhal Ceanglaichean a-machBeinn TangabhalCo-chomharran an Domhain

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

10 am MàrtCatarAinmh-eòlasCànain GhearmaineachJohn LennonSankt PeterburgDonald TrumpNa SeicichAn FhraingLoch nam MadadhSNACSan José del GuaviareRosheimNorðurland vestraAiltireachdGàidhlig na h-ÈireannAistearPàpa Innocentius XIIAn Dàrna CogadhZ1923Dùthchannan an t-Saoghail1830anMiseanaraidhFoghlamC1876AstatainBlàr AthallGànaBaile DhunlèibheFeallsanachdAfraganaisUsbagastànNaomh PàdraigDealanGini Nuadh PhaputhachA' GhearmailtInnd-EòrpaisPoblachd na SìneIùdhachdComainn & EagrachaidheanBenjamin HarrisonInnis TìleCrioptonAràibia nan SabhdMeadhananArabaisAthenaeus à AttaleiaA' Ghrèig ÀrsaidhComhairle Baile Dhùn ÈideannCarolina a DeasJosé Saramago1113AramaisBàrdachdJersey NuadhTavauRoimhearDuitsisRecep Tayyıp ErdoğanSeulaBarbadosCòraichean daonnaFìdheallOperaJacob ZumaDevanāgarīGuatamala1908Akira Suzuki1954Oilthigh PhennsylvaniaLuaidheBall-stèidheDèigh🡆 More