Baralachas

Ann am matamataig, ’s e baralachas a tha gach ràdh matamataigeach aig nach eil (fhathast) dearbhadh foirmeil fo riaghailtean rianais mhatamataigich, ged tha creideas ann gur fìrinn e.

Nam biodh dearbhadh foirmeil aige, ’s e teoirim (cùis-dhearbhte) a bhiodh ann agus faodaidh a chur gu feum gus ràdhan eile a dhearbhadh. Ach anns an eadar-àm, fhad ’s nach eil dearbhadh foirmeil ann, faodaidh feum a dhèanamh dheth mar gum biodh e fìor, ged is baralach an obair a tha stèidhichte air. Mas “dearbhadh” co-dhùnadh na h-obrach seo ’s e dearbhadh air chùmhnant a th’ ann, agus nochdaidh am baralachas ann an liost beachd-bharailean an teoirim. Nuair sin bidh iomairt mhòr ann gus am baralachas fhèin a dhearbhadh oir thèid an co-dhùnadh a leagail mur eil e fìor.

Uaireannan thathar ag ràdh beachd-bharail ri baralachas den t-seòrsa ach gu bhith pongail tha baralachas agus beachd-bharail eadar-dhealaichte.

  • Tha comas a bhith air a dhearbhadh aig baralachas, ged nach eil eòlas ann fhathast ciamar a dhèante sin.
  • ’S e rud fo dheuchainn saidheansail a tha beachd-bharail. Chan eil aice ach comas a bhith air a breugnachadh. Chan urrainnear a bhith dearbhte a-chaoidh.

Is docha gu bheil am baralachas as ainmeil am fear ris an canar an teoirim mu dheireadh le Fhermat. Thagair Fermat gu robh dearbhadh glic aige ach cha d’fhuaradh e riamh às dèidh a bhàs an 1665. Mar sin cha b’ e teoirim idir a bh’ ann ach baralachas gus an do dhearbh Andrew Wiles an 1995 e, ged a bha iomadh oidhirp le matamataichean fad na trì cheud bhliadhna chun a seo.

Tags:

MatamataigRianas matamataigeachTeoirim

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

PeantaJean-Marie LehnAon-adharcach (each)Na h-Eileanan MhaladaibhTwitterCanaichGamal Abdel NasserCladh (creideamh)18981716Uilleam UallasSeleniumEl GrecoVincent van GoghPunjabi (cànan)EalainKhmelnytska OblastTarja HalonenPàpa Clemens XIVBuill-Pàrlamaid na h-Alba, 2003-2007SuòmaidhLosgannKhartoumSri LancaLoch Aillse (sgìre)TamailisHartmut MichelGàidhligAn EilbheisNa h-AilpeannanPoblachd Meadhan AfragaInnealTallinnAfganastanAinmeanReòthartPeirceall1997AlpacaÀrsaidheachdLantanumWiki CommonsSluagh-phoblachd na SìneCìoprasZulu (cànan)Fèin-eachdraidhJersey NuadhBeathaichean1113Concord, Hampshire Nuadh20034 an t-ÒgmhiosDiùcachd Shagsainn-LauenburgTEarra-GhàidhealFrançois HollandeBlàr Sliabh an t-SiorraimRaineach-mharaDurrësMagnus MaximusMalairtPòlaisNils HolmerCànanan Innd-Eòrpach11 an t-SamhainGuianaGàidhlig na h-ÈireannCothrom (Uibhist a Deas)PortmeirionSìonaisPortland, OregonCùbaNirribhidhKZ RavensbrückBaile ChloichridhEabhraig Nuadh (baile)🡆 More