Bò Ghàidhealach

’S i a’ bhò Ghàidhealach, seòrsa de chrodh adharcach a bhuineas do Ghàidhealtachd na h-Alba.

Tha i cho tapaidh ’s gu bheil àrainneachd is sìde aig oir a’ chuain agus air slèibhtean creagach na Gàidhealtachd a’ freagairt gu math dhi. Mar sin dheth, thèid aice air feuraich bochd truagh fhulaing fad sheachdainnean. ’S urrainn dhi a slighe a dhèanamh thairis air bealach, a’ snàmh tarsainn air loch agus eadhon laogh a bhreith san sneachda, nam biodh adhbhar ann. Ged a tha coltas caran eagalach air crodh Gàidhealach air sgàth an adhaircean, tha iad gu math socair mar as trice cho fad is nach eil laoigh aca.

Bò Ghàidhealach
Bò Ghàidhealach ruadh
Bò Ghàidhealach
Tha dealbhan ann an Wiki Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo:

Coltas

Tha crodh Gàidhealach nas lugha am meud na crodh-bainne, ach le cho calgach is a tha an còta fionnaidh aca, agus adharcan mòra lùbte orra, tha aogas nam beathaichean seo tàlaidheach drùidhteach. Mar as trice, san latha a th’ ann an-diugh, tha dath ruaidh orra, ach tha crodh dubh a’ fàs nas cumanta a-rithist, agus gheibhear fiù ’s beathaichean le calg bàn, buidhe, gann is ged a tha iad. Bho chionn dà linn, b’ e dubh an tuar a bha fada na bu bhitheanta, gu h-àraid air an taobh an iar.

Eachdraidh

’S i aon de na gnèithean chlàraichte as aosta air an t-saoghail a th’ anns a’ bhò Ghàidhealach. Chaidh a chiad “leabhar-treud” a chur air dòigh ann an 1884. Bha an seòrsa cruidh seo na phàirt cudthromach ann an eachdraidh na Gàidhealtachd ‘s nan Eilean, agus tha iad nam mìr tarraingeach ann an àiteachas fàs-bheairteach an latha an-diugh.

B' e crodh dubh a bu chumanta bho chionn dà linn, ach thàinig gun d' fhuair crodh ruadh làmh an uachdair rè an naoidheamh linn deug. B' e bun-stèidh eaconomaidh Gàidhealtachd na h-Alba fad linntean a bh' anns a' bheathach seo agus aig ìre ionadail, gheibheadh bainne, càise, ìm, gaoisidean airson an t-snìomhaidh agus (mu dheireadh thall) craiceann is leathar a rachadh a chur gu feum mòr.

Ceanglaichean a-mach (Gàidhlig)

Iomraidhean



Dealbhan

Tags:

Bò Ghàidhealach ColtasBò Ghàidhealach EachdraidhBò Ghàidhealach Ceanglaichean a-mach (Gàidhlig)Bò Ghàidhealach IomraidheanBò Ghàidhealach DealbhanBò GhàidhealachAdharcAlbaBealachCrodhGàidhealtachdLochSneachd

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

CalgaryDòmhnall Mac na CeàrdaichLuís Vaz de CamõesDorasChristchurch, Sealainn NuadhBuirciona FasoCatarRèidioJohann Wolfgang von Goethe90RiochdairGualUsbagastànMargaret ThatcherInterlingueCunntasairMeasFriedrich EngelsDàibhidh CamshronSankt PeterburgRobert HenrysonPär Fabian LagerkvistPeppa PigLuibh-eòlasBjornstjerne Martinus BjornsonStàitean na h-EaglaiseA' Phortagail30 an CèiteanTurasachdWill PoulterBanaisCleasaicheJoaquín MosqueraClaidheamhRèidio dà Locha29Teaghlach2021Toruń74111Anton ChekhovGnothachasUisgeJakartaAirgead (malairt)An Innd-InnseCànan nam MāoriIapanais11mh LinnLiosta dhaoine às a' ChuimrighCànanan CeilteachZBeart-chlòAlbaPenrhyndeudraethArabaisPetrópolis1969An Cuan SgitheanachLima25 am FaoilleachAntamonaidhEaconomaidh1381CSSAn Dàrna Cogadh21 am FaoilleachFàsach NubianachCarbad-adhairISONoam Chomsky🡆 More