Aonach Thailteann

'S e fèis lùth-chleasan àrsaidh a bh' ann an Aonach Thailteann (no Áenach Tailteann ann an Seann Ghaeilge) ann an Èirinn.

Chaidh an cumail eadar 632 RC agus 1169/1171 AD gus urram a thoirt do Thailtiu ach chrìon iad is chaidh iad à bith ri linn tìr-ghabhail nan Normanach. Tha e ainmichte ann an Trecheng Breth Féne, làmh-sgrìobhainn às an 9mh linn far a bheil e ag innse gu bheil trì aonaich ann an Èirinn: Trí óenaig hÉrenn: óenach Tailten, óenach Crúachan, óenach Colmáin Ela.

Aonach Thailteann
Cleasan-teine aig a' chiad Aonach "ùr", 15mh dhen Lùnastal 1924

Eachdraidh

Chaidh an cur air bhonn ann an 632 le Rìgh Luaghaidh Lamhfáda gus urram a thoirt dha mhàthair-oide an dèidh a bàis. Thòisich iad air a' chiad latha dhen Lùnastal agus mhair iad fad seachdain, le lùth-chleasaichean o air feadh na h-Èireann a' tighinn còmhla gu sìtheil.

'S e Rìgh Ruaidrí Ua Conchobair a chum an tè mu dheireadh ann an 1169, a' bhliadhna a ghabh na Normanaich os làimh Èireann..

Thathar sa bheachd gur ann an Contae na Mì a chaidh an cumail, ann am baile air a bheil Tailtin an-diugh.

Ath-bheòthachadh

Chaidh an ath-bheòthachadh grunn thursan, a' chiad turas sna meadhan-aoisean. A bharrachd air na geamannan fhèin, b' e seo an t-àm airson pòsaidhean deuchainn cuideachd, b' iad si pòsaidhean a mhaireadh bliadhna is latha agus bha iad seo laghail suas dhan 13mh linn. Tha Leabhraichean nam Britheamhan a' toirt iomradh air a’ ghnàthas seo cuideachd.

Chaidh an ath-bheòthachadh a-rithist an uairsin san 20mh linn, a' chiad turas ann an 1924 ann am Páirc an Chrocaigh, le cead aig duine sam bith pàirt a ghabhail aig an robh sinnsireachd Èireannach. Chaidh an cumail a-rithist ann an 1928 is 1932 ach cha deach an cumail a-rithist an uairsin.

Tha Athletics Ireland a' cumail fèis fon dearbh ainm an-diugh cuideachd.

Tùsan

Tags:

Èirinn

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

LunnainnDùn ÈideannIntegrated Authority File19mh LinnA' BheilgBogotá21 an t-ÒgmhiosDeimosGiùlanSaidheans Poileataigeach1482CeimigeachdAràibia nan SabhdEunBall-coiseA' Chongo1835GebzeLon dubhNa h-Eileanan FilipineachEòlas-inntinnAfganastan7mh Linn1 an GearranBizkaia (provincia)Bun-reachdBeathaichean150418381616Cat9 an LùnastalPrìosanEun-turaisCànanCeann-fionn1260an1470anCoimpiutaireachdJohn Howard Northrop202415 am FaoilleachPoilisacaraidCruitDannsaBraisilNa h-AimearaganFionnlannaisBeàrnaraigh na HearadhEalain-lèirsinneach4 an GibleanAdolf HitlerPagastànChubut1937Cuan SèimhSeleniumSlàinteJersey Nuadh12191899Donald TrumpAn t-SuainSudanZRìoghachd eSwatini🡆 More