An T-Urramach Ailean Iain Macartair

’S e ministear agus comhairliche air taobh siar Rois a bha san Urr.

Ailean Iain MacArtair (1928 - 2016) (Beurla: Allan Ian Macarthur).

An t-Urramach Ailean Iain MacArtair
Beatha
Breith Grabhair, dhen Chèitean 1928
Dùthaich An T-Urramach Ailean Iain Macartair Alba
Bàs Dùn Èideann, 30 dhen t-Samhain 2016
Foghlam
Cànain Gàidhlig
Beurla
Dreuchd
Dreuchd ministear

Rugadh (sa Chèitean 1928) agus thogadh e ann am Marbhaig, Gràbhar, Leòdhas. Phòs e Oighrig NicLeòid air 7 an Dùbhlachd 1954. Bha a bhràthair Jack ’na mhinistear na h-eaglaise cuideachd, agus ainmeil ann an saoghal na Gàidhlig.

Bha Ailean MacArtair na chlàrc ri clèir Loch Carrann agus an Eilein Sgitheanaich de dh'Eaglais na h-Alba fad cha mhòr 35 bliadhna, ’s e a’ fuireach ann an Loch Carrann. Bha e cuideachd air grunn chomataidhean eile na h-eaglaise san ùine sin.

Bha e ’na chomhairliche a’ riochdachadh sgìrean Loch Carrann agus a’ Chomraich air Comhairle Sgìreil Rois is Chrombaigh anns na h-80an agus na 90an. Bha e cuideachd ’na bhall de dh’Ùghdarras nan Croitearan, Buidheann Iomairt Rois is Chrombaigh, Comann Taigheadais Albyn agus Comhairle Choimhearsnachd Loch Carrann.

Chaochail e ann an Dùn Éideann air 30 an t-Samhain 2016.

Ceanglaichean a-mach

Tags:

19282016

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

Ball-basgaidDlùth-chruinneasIGàsa (baile)Dùthaich nan TàidhInstitiùd Teicneòlais CaliforniaTionndadh GnìomhachaisPagastàn1200Deòrsa I Bhreatainn is ÈireannBeanCanaib5 an t-Samhain2005GiobraltairTungstanAfraga11MarsAmar-snàmhÁlvaro UribeAn Innd-InnseStephen FlynnMarocoRichard NixonA' Chaitheamh1237TajikistanFloridaMiotas-eòlasNa Meanbh EileananCaergybiRosg20 am FaoilleachDàirich1797EachdraidhNoord-Brabant1783Fuath-bìdhCarles Puigdemont i CasamajóDiùcachd NassauArieh WarshelAm Pàrtaidh LàbarachAntwerpenToronto1939Hans Christian AndersenLiotuàiniaBlàthErnst Otto Fischer2019Kyiv14 an t-SamhainVladimir LeninAn UcràinBànrigh Ealasaid IIDealbh2016Creimiche4712 an LùnastalGàidhlig MhanainnLa Palma (Cundinamarca)1581TeaghlachCreag a' MhuilleirMarxachasEach1752Barack Obama11 an t-SamhainPrìomh-Dhuilleag24 an t-Iuchar17 an t-Iuchar🡆 More