Am Bogotazo

'S e Am Bogotazo ùpraid a thachair ann am Bogotá an dèidh bàis tagraiche a' chinn-shuidhe Eliécer Gaitán air an 9mh latha dhen Ghiblean 1948.

Am Bogotazo
Upraid ann am Bogotá

Tachartasan

Mharbh Juan Roa Sierra an tagraiche Libearalach, is chaidh esan fhèin a mharbhadh anns a’ bhad leis na daoine a bha an làthair cuideachd. Chan eil fhios aig duine sam bith carson an do rinn e sin. Nochd gràisg aimhreiteach fheargach aig co-labhairt na Stàitean Aimearaganach. ‘S e toiseach a’ chuthaich a bha sin.

Bha mòran plunndrainn ann, leis gu robh an t-Arm agus Am poileas às an làthair. Ghabh na daoine aig Gaitán stèisean radio os làimh agus dh’iarr iad air Mariano Ospina Pérez an ceannas a leigeil dheth. Chan urrainn dhan cheann-suidhe aontachadh fhaighinn leis na Libearalaich airson an suidheachadh a chiùineadh is dh’fhàs a h-uile càil suidheachadh na bu mhiosa. Mu dheireadh thall, ‘s e na saighdearan a chuir smachd air an t-suidheachadh.

Bha Fidel Castro ann am Bogotá aig an àm airson chruinneachadh oileanaich le taic airgid a fhuair e bho Juan Domingo Perón, ceann-suidhe aig an àm. Chuidich Castro na Libearalaich ann an aimhreit a bha seo.

Buile

Bha am baile air a mhilleadh mar bhuil air a’ chòmhstri eadar Libearalaich agus Tòraidhean agus sgaoil am brùid gu grad a dh’ iomadach baile eile, gu seachd àraidh Medellín, Ibagué agus Barranquilla. Cha b’ urrainn dhan Arm smachd a chur air a’ bhaile ach an toir air mòran làithean dhe murt, plunndrainn agus teintean. Chaidh mu 3,000 a mharbhadh anns a’ Bhogotazo is mòran air an leòinte. A bharrachd air sin, chaidh 136 toglaichean a chur às, an Lùchairt eachdraidheil dhe San Carlos, Taigh na Cùirte agus taigh-cràbhaidh nam measg.. ‘S e toiseach àm na Brùidealachd (Spàinntis: La Violencia) a bh' ann am Bogotazo cuideachd.

Iomraidhean

Am Bogotazo 
Tha dealbhan ann an Wiki Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo:

Tags:

1948An GibleanBogotáJorge Eliecer Gaitán

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

ÀiteachasZanzibar4 an t-ÒgmhiosSeòras IIIDeòrsa Mac Iain DheòrsaCasachstànBaile a' ChipFriedrich Engels1991GàidhligToni Morrison19946011754CànanSalvatore Quasimodo174525 an t-IucharTaylor SwiftEasbaigRubhandaFilmSeanailearGàidhlig meadhan na maraCànan prògramaidhLide2011CòrnaisU Win TinCòigeamh MumhanGustav KirchhoffEalainAshgabat27 an Gearran2016MinecraftTelebhisean1520261MinskSgoilIslamabadTacoma, Washington10 am Màrt778937Ealain-lèirsinneachAn TàinistearPrahova (Siorrachd)FiaclairAmersfoortPrìomh-DhuilleagAiltireachdAn Argantain1938Siorrachd Bhaile na h-Ùige20mh LinnAmòiniaÀm Uile-choitcheann Co-òrdanaichteIeremiahCaracasBaile mòrTehranLùth ath-nuadhachailCòcein12 an t-SultainSomma LombardoEuroBàrdachd20082262060an🡆 More