'S e beinn anns a' Chuiltheann anns an Eilean Sgitheanach a tha anns A' Bhaisteir.
Le 934m a dh'àirde 's e Beinn Rothaich a th' ann, agus tha e eadar Sgùrr nan Gillean agus Bruach na Frìthe. Gheibhear suas gu furasta tro Choire a' Bhaisteir agus druim an ear na beinne. Ge-tà tha pìos ghoirid de shreap sìos doirbh ann. Ruigear am mullach cuideachd le bhith a' streap suas fiacail a' Bhaisteir agus dhan mhullach bho sin.
Am Baisteir | |
---|---|
Am Baisteir | |
Àirde (m) | 934 |
Àirde (tr) | 3064 |
air liosta | Beinn Rothaich |
Suidheachadh | |
Suidheachadh | An t-Eilean Sgitheanach |
Sreath bheanntan | An Cuiltheann |
Mapa cumadh-tìre | Landranger 32 |
Comharradh-clèithe | NG46572530 |
Cha robh ciall an ainm an còmhnaidh soilleir agus tha co-dhiù dà mhìneachadh ann. Dh’eadar-theangaichear Am Baisteir gu tric mar “executioner” (bhon fhacal “bàsadair”) ach feumar ràdh gur e “crochadair” a th’ ann an “executioner”. Tha Dwelly a’ moladh “baptiser” airson Baisteir agus sin am mìneachadh as cumanta airson an ainm sin an-diugh. Ma chìthear cruth an sgùrra tha an dà mhìneachadh coltach. Tha creag mhòr gu h-ìosal den mhullach a tha biorach agus air a bheil cruth iongantach. Chithear sin mar làmhag a’ chrochadair no mar cheann sagairt a’ cromadh gu leanaibh airson a bhaisteadh.
Am Baisteir • Belig • Blà Bheinn • Bruach na Frìthe • Garsbheinn • Sgùrr Alasdair • Sgùrr na Banachdaich • Sgùrr Dubh Mòr • Sgùrr Dearg • Sgùrr nan Eag • Sgùrr an Fheadain • Sgùrr nan Gillean • Sgùrr a' Ghreadaidh • Sgùrr a' Mhadaidh • Sgùrr MhicCoinnich • Sgùrr Sgumain • Sgùrr Thuilm • Sgùrr Thearlaich • Sgùrr Thormaid
This article uses material from the Wikipedia Gàidhlig article Am Baisteir, which is released under the Creative Commons Attribution-ShareAlike 3.0 license ("CC BY-SA 3.0"); additional terms may apply (view authors). Tha an t-susbaint seo ri fhaighinn fo CC BY-SA 4.0 mur eil an caochladh 'ga innse. Images, videos and audio are available under their respective licenses.
®Wikipedia is a registered trademark of the Wiki Foundation, Inc. Wiki Gàidhlig (DUHOCTRUNGQUOC.VN) is an independent company and has no affiliation with Wiki Foundation.