Alice Munro

Tha Alice Ann Munro née Laidlaw (rugadh 10 an t-Iuchar 1931) na sgrìobhadair Canadianach a bhios a' sgrìobhadh ann am Beurla.

Alice Munro
Alice Munro
Beatha
Ainm slàn Alice Ann Munro
Breith Wingham (en) Translate, 10 dhen Iuchar 1931
Dùthaich Alice Munro Canada
Ciad chànan Beurla
Teaghlach
Cèile unknown value  (1951 -  1972)
Gerald Fremlin (en) Translate  (1976 -  2013)
Foghlam
Foghlam Oilthigh Ontario an Iar
Cànain Beurla
Dreuchd
Dreuchd sgrìobhadair, sgrìn-sgrìobhaiche, nobhailiche, sgrìobhadair sgeulachdan goirid agus neach-naidheachd
Àitichean-obrach Clinton (en) Translate
Obraichean comharraichte Too Much Happiness (en) Translate
Dear Life (en) Translate
Something I've Been Meaning to Tell You (en) Translate
Duaisean a fhuaras
Ainmeachadh airson duaisean
Buaidh John Updike (en) Translate
Ballrachd Acadamh Aimeireaga nan Ealan is nan Saidheans
Comann Rìoghail an Litreachais
Gnè ealain sgeul goirid
IMDb nm0613084

Tha i air iomadh duais a choisinn, nam measg an Duais Nobel ann an Litreachas ann an 2013.

Eachdraidh a Beatha

Tràth sa beatha

Rugadh Munro leis an ainm Alice Ann Laidlaw ann an Wingham, Ontario. Bha tuathanas le madaidhean agus mincean aig a h-athair, Robert Eric Laidlaw. B' e tidsear sgoile a bh' anns a màthair, Anne Clarke Laidlaw (née Chamney).

Thòisich i a' sgrìobhadh nuair a bha i na deugaire. Ann an 1950, fhad's a bha i a' dèanamh Beurla aig Oilthigh Western Ontario, dh'fhoillsich i a ciad sgeulachd, "The Dimensions of a Shadow". Dh'fhàg i an oilthigh nuair a phòs i agus dh'imrich i a Columbia Bhreatannach far an do chuir i bùth leabhraichean air dòigh leis an duine aice.

Bha i pòsta aig James Munro bho 1951 gu 1972 agus aig Gerald Fremlin bho 1976 gu àm a bhàis ann an 2013. Tha triùir chloinne aice.

Sgrìobhaidhean

Tha Munro ainmeil airson a cuid sgeulachdan goirid. Thathar ag ràdh gun tug i buaidh mhòr air structar an sgeulachd goirid ann am Beurla leis mar a bhios an t-àm a' gluasad air ais is air adhart anns na sgeulachdan. Mar as tric, tha a cuid ficsean stèidhichte ann an sgìre far an deach a h-àraich, sgrìre Huron air taobh an iar-dheas Ontario.

Tha i air a ràdh gun tug na sgrìobhadairean seo buaidh oirre: William Maxwell, Eudora Welty, John Updike, Carson McCullers, Katherine Anne Porter, Flannery O'Connor, James Agee, Cheever, Joyce Carol Oates, Peter Taylor, William Trevor, Edna O'Brien, Richard Ford.

Duaisean

Ann an 2009, bhuannaich i am Man Booker International Prize airson a cuid saothair gu lèir.

  • Bhuannaich i trì tursan Duais an Governor General an Canada airson ficsean (1968, 1978, 1986).
  • 1996 Duais Marian Engel bhon Urras Sgrìobhadairean Chanada Writers' Trust of Canada
  • 1998 Duais Giller (& 2004)
  • 2004 Rogers Writers' Trust Fiction Prize airson an leabhar Runaway.
  • 2009 Duais Eadar-nàiseanta Man Booker
  • 2013 Duais Nobel ann an Litreachas

Clàr-leabhraichean

Leabhraichean de sgeulachdan goirid

  • 1968 Dance of the Happy Shades – (bhuannaich Duais an Governor General)
  • 1971 Lives of Girls and Women
  • 1974 Something I've Been Meaning to Tell You
  • 1978 Who Do You Think You Are? – (bhuannaich Duais an Governor General; cuideachd fon ainm The Beggar Maid)
  • 1982 The Moons of Jupiter – (ainmeachadh airson Duais an Governor General)
  • 1986 The Progress of Love – (bhuannaich Duais an Governor General)
  • 1990 Friend of My Youth – (bhuannaich Duais Leabhar Trillium)
  • 1994 Open Secrets – (ainmeachadh airson Duais an Governor General)
  • 1998 The Love of a Good Woman – (Duais Giller)
  • 2001 Hateship, Friendship, Courtship, Loveship, Marriage – (ath-chlò-bhualadh mar Away From Her)
  • 2004 Runaway – (Duais Giller agus Duais Urrais Sgrìobhadairean Rogers airson ficsean)
  • 2006 The View from Castle Rock
  • 2009 Too Much Happiness
  • 2012 Dear Life

Cruinneachaidh de sgeulachdan goirid

  • 1996 Selected Stories
  • 2003 No Love Lost
  • 2004 Vintage Munro
  • 2006 Alice Munro's Best: A Selection of Stories - le roimh-ràdh le Margaret Atwood
  • 2011 New Selected Stories
  • 2014 Lying Under the Apple Tree. New Selected Stories

Iomraidhean

Tags:

Alice Munro Eachdraidh a BeathaAlice Munro SgrìobhaidheanAlice Munro DuaiseanAlice Munro Clàr-leabhraicheanAlice Munro IomraidheanAlice Munro10 an t-Iuchar1931BeurlaCanada

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

1992Diùcachd NassauSeumas Dùbhghlas-HamaltonFirefox166221 an GearranVendée1949An AbchasToledoInd-EòrpaisTbilisiCosta ÌbhriTeagasgTajikistanBranndaidhFuath-bìdh5 an DùbhlachdSankt PeterburgFloridaMalabhaidhSilvio BerlusconiBeinn Everest2006Noord-Brabant13 am Faoilleach19 an t-SultainNa h-Eileanan Mhoiriseas13 an Dàmhair2010Na h-Iomaratan Arabach AonaichteMikhail GorbachevHämeenkyrö18mh LinnCèileafaidAn t-Seann ÈipheitCatarCristoforo ColomboBancaÉdith Piaf25 an DàmhairFeallsanachdDeòrsa I Bhreatainn is ÈireannDohaAnnette Crosbie1610anÌmpireachd Naomh na RòimheShropshire201128 an t-SamhainLiosta chreideamhan11 an t-SamhainÌmpireachd BhreatainnSinn FéinAnton Raphael Mengs2024Guiana FhrangachCànan OifigeilBordeauxGiobraltairA' BhruisealGrazEastòinia7 an LùnastalWollongong2012RosgAn GibleanBìoballBrnoMarocoPoll a' GhrùthainPunnd Sasannach🡆 More