Alexandru Ioan Cuza

B' e oifigear an airm, rèabhlaideach, neach-poileataigs agus prionnsa à Romàinia a bh' ann an Alexandru Ioan Cuza (IPA: ˈalekˈsandru iˈo̯aŋ ˈkuza, Bârlad, 20 am Màrt 1820 - Heidelberg, 15 an Cèitean 1873).

Bhuinneadh e do theaghlach Ortodogsach iar-fhlaitheach - bha athair na uachdaran-fearainn (Romàinis: boyar) roimhe. Fhuair e a chuid foghlaim aig Oilthigh Pharis agus phòs e aig Elena Rosetti à Iași ann an 1844. Chaidh ainmeachadh Domnitor (Gàidhlig: riaghladair) ann an aonadh pearsanta rìoghail an dà chuid air Moldobha agus Țara Românească ann an 1859. B' ann mar seo a chaidh Principatele Unite (Gàidhlig: Prionnsalachdan Aonaichte) agus an uair sin Romàinia a chruthachadh. Mar Riaghladair nam Prionnsalachdan Aonaichte, thug e taic dhan iomairt phoileataigeach agus dioplomasach a dh'iarradh air Impireachd nan Otomanach - an stàit àrd-uachdaran os cionn nam Prionnsalachdan fad linntean - gun aithnicheadh i aonadh Moldobha agus Țara Românească. Mu dheireadh thall, ann an 1862, b' urrainn do Chuza aonadh rianachail agus bun-reachdail nam Prionnsalachdan ann an aon stàit le a prìomh-bhaile agus a pàrlamaid ann am Bucharest ruigsinn. Chuir a dhealas airson ath-leasachadh poileataigeach agus sòisealta na Tòraidhich agus Libearalaich raidigeach na aghaidh, a' mhòr-chuid dhuibh uachdarain-fearainn agus luchd-gnothaich às a' chlas Chalpasach. Air 22 an Gearran 1866, thugadh airsan crùn a leigeil dhe agus b' fheudar dha an dùthaich fhàgail. Chaochail e thall thairis ann an Heidelberg ann an 1873.

Alexandru Ioan Cuza
Alexandru Ioan Cuza
lord of Wallachia (en) Translate


ruler of Moldavia (en) Translate


Prince of Romania (en) Translate

24 dhen Fhaoilleach 1862 - 23 dhen Ghearran 1866
← no value - Carol I of Romania (en) Translate
Beatha
Breith Bârlad, 20 dhen Mhàrt 1820
Dùthaich Principality of Moldavia
Wallachia
United Principalities of Moldavia and Wallachia
Bàs Heidelberg, 15 dhen Chèitean 1873
Àite-adhlacaidh Trei Ierarhi Monastery (en) Translate
Voinești (en) Translate
Teaghlach
Athair Ioan Cuza
Màthair Sultana Cozadini
Cèile Elena Cuza (en) Translate  (1844 -  unknown value)
Càraid Marija Obrenović (en) Translate
Clann
Foghlam
Foghlam Oilthigh Pharas
Cànain Fraingis
Romàinis
Dreuchd
Dreuchd neach-poileataigs, oifigear, rèabhlaideach agus lagh-eòlaiche
Duaisean a fhuaras
Creideamh
Creideamh Eaglais Ortodogsach Romàinia
Alexandru Ioan Cuza

Iomraidhean


Tags:

15 an Cèitean18201844185918621866187320 am Màrt22 an GearranArmAthairBucharestBun-reachdBârladCalpachasDùthaichFoghlamGàidhligHeidelbergIPAIașiImpireachd nan OtomanachLibearalasLinnOilthigh Paris (Sorbonne)PoileataigsPrìomh-bhailePàrlamaidRomàiniaRomàinisRèabhlaideachTeaghlachȚara Românească

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

IoràcAn deoch dhraoidheilPoblachd Meadhan Afraga31 an Dùbhlachd29 an t-SultainBaricharaSìona450BursaLàrach-lìn32Tallinn1954Naomh Crìstean (eilean)1900an1991ValènciaJames McAvoy21 am FaoilleachMongùs14 am FaoilleachBeurla Ghallda an Ear-thuath a DeasGustavo Rojas PinillaMel GibsonC.B. CelticBeininAonadh-ciùirdFeallsanachdCorbin BleuSgurr na CìcheMaighread StiùbhartEnnor1526An ObserverAn t-SileCànanachasA' Bhreatainn BheagA’ GhearmailtCille Bhrìghde an Ear (sgìre Phàrlamaid na h-Alba)A' BhealaruisTinneas an t-siùcairMaighstir AileanKarl MarxChubutParisPunc328Seanchas na FèinneUranus (soilleireachadh)HTMLPrasodimiumBàrdDaibhidh MacDhùnleibhA' GhearmailtGràdhNelson MandelaBreacanAnton Chekhov114Adhbharan nàdarraMartin Luther King, Jr.1 an GearranDriùchdAn t-IucharBinid2017Àrcaibh23 an DàmhairDi-LuainOsman IIÀm Coitcheann Co-òrdanaichte🡆 More