Alasdair Macgriogair

B' e ministear agus sgrìobhadair a bh' ann an Urramach Alasdair MacGriogair (1806-1881).

Alasdair MacGriogair
Beatha
Breith Gleann Gharthain, 1806
Dùthaich Alasdair Macgriogair Alba
Bàs 1881
Foghlam
Cànain Gàidhlig
Dreuchd
Dreuchd ministear agus sgrìobhadair

Rugadh an t-Urramach Alasdair MacGriogair anns a’ bhliadhna 1806 an Gleann Gharthain, ri taobh Uisge Dé, an Siorrachd Obar Dheathain far an robh athair 'na mhinisteir. Ghluais athair gu sgìre Chill Mhoire an Tròndairnis anns an eilean Sgitheanach agus an dèidh àireamh bhliadhnachan, shuidhicheadh Alasdair MacGriogair gu bhi 'na cho-aoghaire d’a athair. Dh’fhan e an sgìre Chill Mhoire gus a bhliadhna 1850, an uair a chaidh a ghairm do eaglais Ghàidhlig Dhùn Èidinn. Trì bliadhna an déidh sin, chaidh e do Inbhir Nis, far an do chaochail e anns a’ bhliadhna 1881.

Sgrìobh e àireamh mhòr phàipearan air iomadh stèidh anns a’ Chuairtear, am Fear-tathaich nam Beann, agus anns a’ Ghaidheal, cuid diubh fon ainm Sgiathanach, is cuid eile fon ainm Alasdair Ruadh.

Ann am beachd Watson: 'Bha buaidh shònraichte aig an duine fhoghlaimte urramach seo air nochdadh an cainnt shoilleir bhrìoghmhor nithean àrda agus cudthromach nach gabh mìneachadh gu furasda sa Ghàidhlig.'

Iomraidhean

Tuilleadh Leughaidh

Kidd, S.M. (2003) 'The Rev. Alexander MacGregor: the writer behind the pen-names', Transactions of the Gaelic Society of Inverness, LXI, td. 1-24.

Tags:

Sgrìobhadair

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

LuganoAirmeiniaArabaisCàmhalCádiz (provincia)Nelson MandelaFachabairArcaibhLoch LuganoSpòrsRìoghachd na h-AlbaBuidheaganCille Bhrìghde an Ear (sgìre Phàrlamaid na h-Alba)Còbalt1046Aaron CiechanoverFàsach OwyheePròtainValle d'AostaAn t-Àrd Ruigh1 an GearranTeòthachdBernburgMaria Goeppert-MayerMachair1846FuilMaighstir AileanIarannAdhbharan nàdarraBuadhairBrillean1483BarcelonaConservatoire Rìoghail na h-AlbaBeurla Ghallda an Ear-thuath a Deas2019BSalvador AllendeNàdarAlba996ModicaAstràiliaKlas Pontus ArnoldsonFoghar (cànanachas)BinidBydgoszczCaolabhainElías (Huila)HTMLCoirceWakame121410an RCBudapestWashington18539 an t-Iuchar1868SpeuradairKölschBuirciona FasoNighean Fhir na RèiligOllamhPunnd SasannachBall-coise AimearaganachFitheachChordataSgurr na Cìche25 an t-ÒgmhiosCape VerdeKingston, IaimeucaHaile GebrselassieTaghadh Albannach 2016🡆 More