Alasdair Iii Na H-Alba

B' e Alasdair III (4 an t-Sultain 1241–19 am Màrt 1286) na Rìgh na h-Alba eadar 1249 is 1286.

B' e rìgh làidir a bh' ann an Alasdair agus bha àm air an cathrach-rìoghal mar bu trice glè sìtheil. Aig an àm seo bha buaidh làidir Ceilteach ann an Alba fhathast agus ceangal ri Sasainn oir bha nighean rìgh Shasainn – Èideard I – am bana-phrionnsa Mairead, aig Alasdair mar bhean.

Alasdair III na h-Alba
Alasdair Iii Na H-Alba
monarc na h-Alba

6 dhen Iuchar 1249 - 19 dhen Mhàrt 1286
Alasdair II na h-Alba - Margaret, Maid of Norway (en) Translate
Beatha
Breith Rosbrog, 11 dhen t-Sultain 1241 (Gregorian)
Dùthaich Alasdair Iii Na H-Alba Rìoghachd na h-Alba
Bàs Fìobha, 26 dhen Mhàrt 1286 (Gregorian)
Àite-adhlacaidh Abaid Dhùn Phàrlain
Nàdar a’ bhàis accidental death (en) Translate (tuiteam far eich)
Teaghlach
Athair Alasdair II na h-Alba
Màthair Marie de Coucy
Cèile Margaret of England (en) Translate  (26 dhen Dùbhlachd 1251 (Gregorian) -  1275)
Yolande of Dreux (en) Translate  (1 dhen t-Samhain 1285 (Gregorian) -  1286)
Clann
Fine Taigh Dhùn Chailleann
Foghlam
Cànain Meadhan-Bheurla
Dreuchd
Dreuchd monarc
Seirbheis san arm
Strì Cogaidhean Neo-eisimeileachd na h-Alba

'Se rìgh cho cumhachdach 'sa lorgadh tu aig àm no àite sam bith ann an eachdraidh a bh' ann an Èideard I. Bha e mur tha air ionnsaigh a thoirt air Èirinn agus a' Chuimrigh leis a Chuimrigh a nis mar aon de na roinnean aig Sasainn. Thoisich cùisean a fàs nas miosa an deidh do bean agus mic Alasdair bàsachadh ann an tìde ghoirid. Bha seo a fàgail Rìgh na h-Alba as aonais mac a leanadh e agus e dà fhichead sa còig bliadhna a dh'aois.

Dh'ionnsaigh e an t-Eilean Sgitheanach ann an 1262 is shabaid a fheachdan ri feachdan Nirribhidh faisg air an Leargaidh Ghallda ann an 1264. Chaochail Rìgh Nirribhidh, Haakon, ann am Baile na h-Eaglaise sa gheamhradh is dh'aontaich a mhac, Rìgh Magnus, ri Alasdair, anns a' Chùmhnant Pheairt, gun deach na h-Eileanan Siar is Eilean Mhanainn nam pàirtean na h-Alba.

Phòs e a rithist aig Abaid Jedburgh ri nighean òg brèagha den ainm Yolande de Dreux. Air an dara latha deug den Mhàirt 1286 bhàsaich Rìgh Alasdair. Bha e air tilleadh bho Caisteal Dhùn Èideann gu Ceann Gronna far an robh a mhnaoi. Ged a bha na h-uaislean is thriathan a bha còmhla ris aig iarraidh air fuireach gu fàsadh an aimsir nas fheàrr sa mhaidinn chan èisdeadh e rubha. Chaill e a chompanaich san dorchadas agus an ath mhaidinn lorg iad a chorp aig bonn bearraidh. Dh'fhàg seo Alba gun rìgh agus rinn Èideard a h-uile oidhirp smachd fhaighinn air Alba agus is ann mar seo a thoisich linn de chreach agus sabaid eadar an dà rìoghachd.

Iomraidhean

Aistean co-cheangailte

Tags:

1241128619 am Màrt4 an t-SultainCeilteachEideard I Shasainn

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

Miotas-eòlasRaspberry PiGasAn FhraingFeallsanachd1909TUCCeimigeachdKigaliKasabianAr-a-mach na Gearmailt1615“Esoterism”ÅlandPoblachd na h-Èireann84419921008Sasainn NuadhAn GibleanDathNa h-Iomaratan Arabach AonaichteCaolAstràiliaAonadh-ciùird1165Cuan SèimhLochan Coir' a' GhobhainnDante AlighieriMusine Kokalari415FladaRubhandaDi-LuainBolognaEòlas-nàdairBrabhsair-lìnAn Ostair1966Loch ErieNeo-eisimeileachd na h-Alba22 an GibleanLitreachasDi-SathairneJohannes GutenbergCarles Puigdemont i CasamajóBiadhAfraganaisKlaipėdaStafaBotsuana1958cumadhAn AbchasBellshillRuisEacuador490anSìonaisCubhaitA' Bheurla Ghallda anns an Ear-thuath a Deas19 an t-ÒgmhiosPàirc Nàiseanta YosemiteÈirinn a TuathAlbaLiotuàiniaBoilibhia🡆 More