B' e riaghaltas nan Sòisealach a bha os cionn Pharis bho 28 am Màrt gu ruige 28 an Cèitean 1871, beagan an dèidh dhan Fhraing cogadh an aghaidh na Prùise a chall ann an 1870.
1871 Comann Pharis | |||||||
---|---|---|---|---|---|---|---|
| |||||||
Luchd-cogaidh | |||||||
Poblachd na Frainge Arm na Frainge | Comunnaich Garde nationale | ||||||
Cinn-fheachda | |||||||
Patrice de Mac Mahon | Jarosław Dąbrowski Louis Charles Delescluze Eugène Varlin Auguste Vermorel | ||||||
Neart | |||||||
mu 170,000 | 25,000 - 50,000 | ||||||
na chaidh a leòn 's na chaidh a chall | |||||||
877 marbh, 53 leòinte | 10,000 - 30,000 6,454 leòinte |
Ann an dòigh, cha b' ann ach comhairle ionadail a bh' ann ('s e a th' ann «commune» ann am Fraingis), aig an robh làmh an uachdair as t-fhoghar 1871. Ach co-dhiù, b' e an tachartas poileataigeach na bu chudromaiche na linn a bh' ann, air sàilleabh na rinn e, na èigheachdan connspaideach a ghairm e agus an crìoch doirbh a fhuair e (30,000 duine a chur gu bàs, 38,000 nam prìosanaich agus 7,000 eile gan cur às an tìr). Chaidh comainn a stèidheachadh ann an caochladh baile eile san Fhraing aig an aon àm, mar Marseille, Lyon, Saint-Étienne, Toulouse, Narbonne, Grenoble agus Limoges, bho 3 am Màrt a-mach, ach cha do mhair iad ach greiseag mus an do chuir feachdan na stàite sìos iad. Bha Karl Marx fhèin dhen bheachd gur e a' chiad ar-a-mach saor a' chlas-obrach a bh' ann.
Bho 1804 gu ruige 1870, chan ann ach fo bhuaidh deachdaireachd air choireigin a bha An Fhraing: A' Chiad Impireachd, Ath-stèidheachadh, Monarcachd an Iuchair, Dàrna Impireachd. Cha do mhair a' phoblachd no deamocrasaidh ach greiseag. Chaidh freumhan a' chomain air ais dhan a' chiad phoblachd aig àm Ar-a-mach na Frainge ann an 1792, air an robh commune cuideachd, a bharrachd air Ar-a-mach an Òg-mhios 1848, aig àm an dàrna poblachd, a chaidh a chur sìos gu fuilteach marbhtach leis an Riaghaltas ùr.
A rèir tasglann na Stàite, b' e daoine àbhaisteach a bh' ann na communards, mar a chanadh riutha. Mar as àbhaist, b' e duine òg a mu 30 bliadhna a dh' aois agus na chiùird a bh' ann an reubalach à Paris. B' e luchd-togail, luchd-obrach, luchd-meatailte, daoine a bha ag obair ann am bùthan-obrach agus taighean-gnìomhachais beag a bh' annta: (17%, 16% agus 10%). An an dèidh bha na daoine a bha ag obair airson chompanaidhean (8%), na greusaichean (5%), na luchd-reic fìona (4%) agus daoine a bha an lùib gnothaich an leabhair (3%) - air am poileataigeachadh gu làidir. A bharrachd air sin, bha neach-malairt no dithis cuideachd: thuirt na Marxich nach b' e ar-a-mach ùr-nòsach air sàilleabh sin. Bha mòran bhoireannach an lùib cuideachd, agus rinn iadsan tòrr. Bha rèiseamaid aca.
Ghabh an Comann ri mhìosachan poblachdach agus chleachd e bratach dearg nan sòisealach, an àite bratach trì-dathach Poblachd na Frainge, leis gur e sin am bratach a bha aig na sòisealaich agus radaigich ann an 1848 airson gam diofarachadh bho na Poblachdaich measarra; b' e an aon rud a rinn na Girondins aig àm Ar-a-mach na Frainge ann an 1789. A dh'aindeoin s gu robh diofaran eatorra, thoisich a' Chomhairle gu làidir is chuir i air dòigh na seirbheisean poblach deatamach a dh'fheumas baile mòr le còrr is dà mhuillean duine a' fuireach ann. Dh' aontachadh gum biodh bun-stèidh deamocratach sòisealta, ceumnach, neo-eaglaiseach, gu math deamocratach aig cridhe a cuid pholasaidhean, seach ar-a-mach sòisealta. Cha do chuir air bhog ach corra èigheachd a’ Chomainn, air sàilleabh nach do mhair e ach 16 latha, mar a leanas:
Rinn na èigheachdan sin sgaradh eadar an eaglais agus an stàit, thugadh seilbh air oighreachdan na h-eaglaise agus bha adhradh san sgoile toirmeasgte. Nuair a chaidh an Comann a bhith, ghabh Riaghaltas na Stàite ris an lagh seo - ann an 1880-81 - agus chaidh sin a leasachadh le Jules Ferry ann an 1905. Ghlèidh an eaglais còirichean a chumail a' dol mar eaglais ach air chumha gum maireadh an dorsan fosgailte san fheasgar airson na coimhearsnachd. Mar an t-sràid agus na taighean-cofaidh, bhathar a' cleachdadh nan eaglaisean airson deasbad a chumail agus poileataigs a dhèanamh.
Thug arm an Riaghaltais ann am Versailles ionnsaigh air a' Chomann air 2 an Giblean agus chailleadh bomaichean gun stad fad làithean. B' ann aig an Riaghaltas a bha làmh an uachdair agus chuir iad stad air co-rèiteachadh sa Ghiblean.
Chailleadh sgìre iomallach mu Courbevoie, agus dh'fhàilnig iomairt fhadalach ri ionnsaigh a thoirt air Versailles. B' e dìon agus maireachdainn a bha aig cnag na cùise a-nis. Bha rèiseamaid nam ban bochda ann, agus shabaid iad airson na Lùchairte Ghile ann am Montmartre a ghleidheadh. Thug na fògarraich is strainnsearan a bha a' fuireach ann am Paris taic làidir dhan Chomann, gu h-àraidh an nàiseantach Polach Jarosław Dąbrowski, a bha na sheanailear gaisgeach. Leigeadh an Colbh Vendôme, na charragh-chuimhne nàiseantach do Napoleon Bonaparte, leis gu robh a' Chomhairle a' gabhail ri eadar-nàiseantas.
Chumadh coinneamhan thall thairis, agus chuireadh brathan agus teachdaireachdan dhan Chomann bho aonaidhean-ciùird agus buidhnean sòisealach bho air feadh an t-saoghail, fiù 's às A' Ghearmailt. Ach cha b' urrainn do bhailtean eile san Fhraing càil a dhèanamh airson a' Chomainn. Chuir Thiers agus a chuid mhinistearan ann am Versailles bacadh air fiosrachadh à no a Pharis agus le sin cha robh fios aige duine sam bi mu na bha a' tachairt sa phrìomh-bhaile. A bharrachd air sin, bha mòran dhaoine air an dùthaich uabhasach amharasach mu phoileataigs sa bhaile. Chaidh reubaltaich ann am bailteach eile a chur sìos gu luath.
Fhad 's a bha a h-uile càil a' dol a dhoilidh, bhuannaich cuid anns a' chomhairle bhot airson «Comataidh na Slàinte Phoblaich», a chur air bhog, dìreach mar a rinneadh ann an 1792. Bha làn chumhachdan aice, ach bha e ro fhadalach airson diofar a dhèanamh. Air 21 an Cèitean, chaidh dorsan air an àirde an iar a' bhaile fhosgladh agus thàinig na saighdearan a-steach à Versailles. Thoisich iad san sgìre bheartach san iar, far an do chuir na daoine fàilte gu math cridheil orra, an fheadhainn a bha air fhàgail fhathast. B' ann furasta dhan na saighdearan an gnothach a dhèanamh, leis gu robh a h-uile daoine dìleas dhan sgìre aige fhèin seach dhan bhaile air fad: cha robh plana dìona coitcheann idir ann, is gach sgìre a' sabaid is a' call air a cheann fhèin. Cha robh sraidean tana na bu mhotha ann, a chuideachadh na reubaltaich, mar a thachradh sna làithean a dh'fhalbh. Bha gunnaichean mòra agus structar làidir aig na saighdearan.
Chuir an Riaghaltas gu bàs na mìltean, boireannaich, fireannaich, a h-uile duine. Thuirteadh gun do loisgeadh air 30,000 prìosanaich, a bharrachd air an fheadhainn a chaochail air sàilleabh cho dona 's a bha an suidheachadh a bh' aca. Chaidh na mìltean eile a chur gu gu prìosanan thall thairis.
This article uses material from the Wikipedia Gàidhlig article 1871 Comann Pharis, which is released under the Creative Commons Attribution-ShareAlike 3.0 license ("CC BY-SA 3.0"); additional terms may apply (view authors). Tha an t-susbaint seo ri fhaighinn fo CC BY-SA 4.0 mur eil an caochladh 'ga innse. Images, videos and audio are available under their respective licenses.
®Wikipedia is a registered trademark of the Wiki Foundation, Inc. Wiki Gàidhlig (DUHOCTRUNGQUOC.VN) is an independent company and has no affiliation with Wiki Foundation.