B' e saor, deasaiche, ceannard aonaidh-ciùird agus neach-poileataigs Sòisealach à Romàinia a bh' ann an Ștefan Gheorghiu (Ploieşti, 15 am Faoilleach 1879 - Bucharest, 19 am Màrt 1914).
Bhuinneadh e do theaghlach Clas-obrach bochd: bha athair na shaor roimhe. Ghabh e ann an Club Luchd-obrach Sòisealach ann am Ploieşti nuair a bha e dìreach 17 bliadhna a dh' aois. Bha e doirbh dhàsan obair sheasmhach fhaighinn agus companaidhean a' seachnadh cosnadh math a thoirt do mhìleantaich. Ghabh e pàirt ann an Caismeachd mhòr nan Luchd-obrach am Bucharest ann an 1903. Thathar ag ràdh gun deach e ann air chois leis nach robh sgillinn ruadh aige airson an trèana. Chuir esan agus a dheagh charaid Nae Georgescu buidheann luchd-obrach air dòigh air an robh România muncitoare (Gàidhlig: Romàinia na h-Obrach) agus dheasaicheadh e iris na buidhne cuideachd. B' ann ann an 1907 a thòisich a chuid shlàinte a dhol na lughad. Chaidh a chur an greim leis an Arm agus an stàit a' fàgail airsan gun do chuir e air bhog ar-a-mach an aghaidh an Riaghaltais. Thug droch shuidheachadh a' phrìosain buaidh làidir air a chorp is e fo ghlasaibh ann an carcair bog fluich ann an Galați fad bliadhna. Nuair a leigeadh saor e, chaidh e mun cuairt ann an Galați agus Brăila agus e a' brosnachadh luchd-obrach na sgìre ri sheasamh airson an cuid chòirichean. Ach b' fheudar dha mìosan a chur seachad ann an sanaidh faisg air Iași ann an 1911, agus an uair sin chaidh e thall thairis gu Cathair Alasdair anns An Èipheit, ann an 1912. Nuair a thill e dhachaidh fhuair e dreuchd mar rùnaire aonadh-ciùìrd na Còmhdhalach air an robh Uniunea muncitorilor de transport din România (Gàidhlig: Aonadh Luchd-obrach na Còmhdhalach ann an Romàinia). A' dh'aindeoin sin, bha e air iomallachadh gu poiliteagach aig ìre nàiseanta air sgàth 's gu robh e a' gabhail ri ain-riaghailteachd. Chaochail Gheorghiu leis a' Chaitheamh san ospadal ann am Bucharest an an 1914.
Ștefan Gheorghiu | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Ploieşti, 15 dhen Fhaoilleach 1879 |
Dùthaich | Romàinia |
Bàs | “Marius Nasta” National Institute of Pneumophthisiology (en) , 19 dhen Mhàrt 1914 |
Nàdar a’ bhàis | adhbharan nàdarra (a' chaitheamh) |
Foghlam | |
Cànain | Romàinis |
Dreuchd | |
Dreuchd | ball aonaidh-chiùird agus neach-poileataigs |
This article uses material from the Wikipedia Gàidhlig article Ștefan Gheorghiu, which is released under the Creative Commons Attribution-ShareAlike 3.0 license ("CC BY-SA 3.0"); additional terms may apply (view authors). Tha an t-susbaint seo ri fhaighinn fo CC BY-SA 4.0 mur eil an caochladh 'ga innse. Images, videos and audio are available under their respective licenses.
®Wikipedia is a registered trademark of the Wiki Foundation, Inc. Wiki Gàidhlig (DUHOCTRUNGQUOC.VN) is an independent company and has no affiliation with Wiki Foundation.