Östersund

‘S e baile meadhanach agus port-locha air an àirde an iar-thuath na Suaine a th’ ann an Östersund (IPA: œstəˈʂɵnd, Sydsamiska: Staare).

Östersund
Östersund
Gearradh-arm
no Seula
Östersund
Östersund
Suidheachadh
Dùthaich Östersund An t-Suain
Ceàrn Östersund Jämtland
Sgìre Östersund Jämtlands län
Co-chomharran 63° 10 44′ Tuath
14° 38 11′ Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 27.28 km²
Àireamh-shluaigh 43,759 (2010)
Dlùths 1,604.07/km²
Àireamh fòn (+46) 063
Duilleag oifigeil http://www.ostersund.se/

Tha e suidhichte ann an tairbeart air Loch Storsjön anns an sgìre Jämtlands län, 396km air falbh bho Helsingborg, 128km bho Uppsala agus 317km bho Ghöteborg. Tha 43,759 duine a' fuireach ann. Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1178.

Freumhan an ainm

Tha e coltach gur ann à dà fhacal ann an Suainis: öster (sear) agus sund (caol) a tha an t-ainm. Bheireadh sin Caolas an Ear dhuinn sa Ghàidhlig an latha an-diugh. Tha cuid dhen bheachd gur ann à 'Åstersånn ann an Jamtais (dualchainnt na sgìre), a tha a' ciallachadh an aon rud, ach cha ghabh sin a dhearbhadh. 'S e co-dhàimh leis A' Bheurla Ghallda easter a th' ann am öster.

Eachdraidh

A rèir beul-aithris Lochlannach bho àm nan creach, b' ann às an eilean Frösön (Suainis: Eilean Freya) a bha a' Bhana-Dhia Freya. Thoisich crìostachadh Lochlainn bho an seo san 13mh Linn, nuair a thogadh an eaglais ann am Frösön. Thàinig an t-Arm ann an 1682 agus bha gearstan mòr ann, gu ruige an 21mh Linn. Leasaicheadh feachdan ann an Östersunf fad nan linntean: gunnaichean-mòra ann an 1892, pleànaichean-cogaidh ann an 1926 agus saighdearan-coise a bharrachd ann an 1927. Chaidh baile ùr a thogail an seo ann an 1786 leis an Rìgh Gustav II, an dèidh dheasbaid a mhair bliadhnaichean. Thàinig an rèile ann an 1879, a thug piseach air an eaconomaidh.

Daoine Ainmeil

Bailtean Co-cheangailte

  • Östersund  Sanok
  • Östersund  Trondheim

Iomraidhean

Ceanglaichean a-mach

Tags:

Östersund Freumhan an ainmÖstersund EachdraidhÖstersund Daoine AinmeilÖstersund Bailtean Co-cheangailteÖstersund IomraidheanÖstersund Ceanglaichean a-machÖstersund1178An t-SuainBaileGöteborgHelsingborgIPAJämtlands länLochPortTairbeartUppsala

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

Cill FhinneinFriedrich Engels1912Co-mhaoineasA' Chuideachd Urramach a tà Chum Eòlas Crìosdaidh a SgaoileadhAn Dàrna CogadhClaidheamhMohammedLideBàgh na h-EaglaiseBoireann-dhligheachasAnna, Bànrigh Shasainn, Alba is ÈireannUtrechtCian-chonaltradh68Casg leatruimAlbaisLouis PasteurZulu (cànan)Cànan nam MāoriDòmhnall Mac na CeàrdaichUicipeidRiochdairMusicBrainzProifeasanAm Bàs DubhGàidhealtachd na h-AlbaAonghasArnhemAinmearAn Ear-thuath a DeasPàpa Beinidict XVIInnleadaireachdDà-chànanasÈirinn (eilean)73Fòn1977Tobar an DualchaisISOAn DanmhairgLighicheCo-nasgadh nam MuiscaSeelbach (Schutter)Jean-Jacques RousseauJarosław DąbrowskiGàidhlig na h-ÈireannDoras1656BanaisTokyoSÀireamh-shluaighA' Bheurla GhalldaJakartaCSSAn DàmhairRouenMeasÀiteachasToomas Hendrik IlvesCeilteachSgioba Nàiseanta Ball-coise nam Ban AlbannachHindiPopFoghlam tro Mheadhan na GàidhligRheinland-PfalzSiorrachd PheairtPoblachdÙisdean MacDhiarmaid78🡆 More