Ásgeir Ásgeirsson

B' e bancair, diadhair agus neach-poileataigs à Innis Tìle a bh' ann an Ásgeir Ásgeirsson (IPA: ˈausceir̥ ˈausceir̥sɔn).

Rugadh e air 13 an Cèitean 1894 ann an Kóranesi á Mýrum (Vesturland). Fhuair e a chuid foghlaim aig Menntaskólinn á Mýrum, Oilthigh Innis Tìle, Oilthigh Copenhagen, Oilthigh Uppsala agus Oilthigh Dhùn Èideann ach b' ann à Oilthigh Manitoba a fhuair e a dhotaireachd. Chaidh a thaghadh dhan Alþingi airson a' chiad turais ann an 1923 agus bha e na labhraiche eadar 1930 agus 1931. Bha e na fhorsætisráðherra (Gàidhlig: Prìomh-mhinistear) bho 1932 gu ruige 1934 às leth Framsóknarflokkurinn (Gàidhlig: Am Pàrtaidh Adhartach). Dh'fhàg e am pàrtaidh seo ann an 1934 agus, mu dheireadh thall, dh'aontaich e ri Alþýðuflokkurinn (Gàidhlig: Am Pàrtaidh Sòisealta Deamocratach). Fad 16 bliadhna, eadar 1952 agus 1968, b' e gu robh e na fhorseti (Gàidhlig: ceann-suidhe), an dèidh gun do ghabh an dùthaich ris a' phoblachd ann an 1944. Phòs e aig Dóra Þórhallsdóttir ann an (1917). Bha athair Þórhallsdóttir na easbaig agus bha a bràthair, Tryggvi Þórhallsson, na fhorsætisráðherra airson Framsóknarflokkurinn bho 1927 gu ruige 1932. Bha chliamhainn Ásgeirsson, air an robh Gunnar Thoroddsen, na fhorsætisráðherra airson Sjálfstæðisflokkurinn (Gàidhlig: Pàrtaidh na Neo-eisimeileachd) eadar 1980 agus 1983. Chaochail e ann an Reykjavík air 15 an t-Sultain 1972.

Ásgeir Ásgeirsson
Ásgeir Ásgeirsson
Ministear an Ionmhais Innise Tìle

20 dhen Lùnastal 1931 - 9 dhen Dùbhlachd 1933
Tryggvi Þórhallsson - Eysteinn Jónsson (en) Translate
Prìomh-mhinistear Innise Tìle

3 dhen Ògmhios 1932 - 28 dhen Iuchar 1934
Tryggvi Þórhallsson - Hermann Jónasson
2. Ceann-suidhe Innis Tìle

1 dhen Lùnastal 1952 - 31 dhen Iuchar 1968
Sveinn Björnsson - Kristján Eldjárn
Beatha
Breith Innis Tìle, 13 dhen Chèitean 1894
Dùthaich Ásgeir Ásgeirsson Innis Tìle
Bàs Reykjavík, 15 dhen t-Sultain 1972
Àite-adhlacaidh Innis Tìle
Teaghlach
Cèile Dóra Þórhallsdóttir (en) Translate  (1917 -  10 dhen t-Sultain 1964)
Foghlam
Foghlam Oilthigh Copenhagen
Oilthigh Innis Tìle
Dreuchd
Dreuchd neach-poileataigs agus bancair
Duaisean a fhuaras
Creideamh
Pàrtaidh poileataigeach Am Pàrtaidh Adhartach

Caibineit Ásgeirsson

Seo, mar a leanas, liosta nan daoine a ghabh pàirt ann an caibineitean fhad 's a bha Ásgeirsson os cionn an riaghaltais. Bhuinneadh ias uile gu Framsóknarflokkurinn agus Sjálfstæðisflokkurinn:

  • Ásgeir Ásgeirsson: Prìomhaire agus Ministear an Ionmhais
  • Magnús Guðmundsson: (bho 14.11.1932 agus an dèidh 23.12.1932) Ceartas
  • Þorsteinn Briem: Cosnadh
  • Ólafur Tryggvason Thors: (bho 14.11.1932 gu ruige 23.12.1932) Ceartas
Ro-theachdair:
Tryggvi Þórhallsson
(1932)
Forsætis­ráð­herra
Neach-ionlaid:
Guðmundur Emil Jónsson
(1934)

Taghaidh dhan Cheannas

Chaidh a thaghadh dhan cheannas ceithir tursan. Seo na torridhean a fhuair e:

Bliadhna Bhòtaichean %
1952 32,924 48.3%
1956 Cha do sheas duine sam bi na aghaidh
1960 Cha do sheas duine sam bi na aghaidh
1964 Cha do sheas duine sam bi na aghaidh

Prìomh-mhinistearan fo Ásgeirsson

Bha Ásgeirsson na cheann-suidhe fad sia biadhna deug agus bha ceathrar prìomh-mhinistear, a riochdachadh trì pàrtaidhean fodha fad 's a bha e san dreuchd, mar a leanas:

Ro-theachdair:
Sveinn Björnsson
(1952)
Forseti Íslands
Neach-ionlaid:
Kristján Eldjárn
(1968)

Iomraidhean

Ceanglaichean a-mach

Tags:

Ásgeir Ásgeirsson Caibineit ÁsgeirssonÁsgeir Ásgeirsson Taghaidh dhan CheannasÁsgeir Ásgeirsson Prìomh-mhinistearan fo ÁsgeirssonÁsgeir Ásgeirsson IomraidheanÁsgeir Ásgeirsson Ceanglaichean a-machÁsgeir Ásgeirsson13 an Cèitean15 an t-Sultain18941917192319271930193119321934194419521968197219801983AlþingiAlþýðuflokkurinnAthairBancairBliadhnaBràthairDiadhaireachdDotaireachdDùthaichEasbaigFoghlamFramsóknarflokkurinnGunnar ThoroddsenGàidhligIPAInnis TìleNeach-poileataigsOilthigh CopenhagenOilthigh Dhùn ÈideannOilthigh Innis TìleOilthigh ManitobaOilthigh UppsalaPartaidh poileatagachPoblachdPrìomh-mhinistearPrìomh-mhinistear Innise TìleReykjavíkSjálfstæðisflokkurinnTryggvi ÞórhallssonVesturland

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

CasachstànBradley Cooper18 an t-Ògmhios1104MilanoBìorasAn CuiltheannPunnd SasannachCuan Siar20 am FaoilleachUile-losgadhEitAstràiliaLeón1942A' GhrèigMichelangeloAn Ruis3 an t-Samhain21 am FaoilleachAmsterdamSeumas VICreag a' Mhuilleir931Vladimir LeninGreat Basin12na linn1976Alexei NavalnyFriedrich II na PruiseLa Chaux-de-FondsDüsseldorfValladolid (provincia)Ailbhe1200Nirribhis178423 an Cèitean380anHong KongCoimpiutaireachdBruach-an-IarWarszawa19442024CuritibaVirginiaLeòdhas agus na HearadhA' PhòlainnNikita HruŝëvTelebhiseanMAn t-Suain192322 an LùnastalAn t-Aonadh EòrpachCanaibDàibhidh CamshronTuigse inntealtaGàidhlig2014CùbaCòraichean daonnaSeumas VII Alba is II ShasainnBrnoCambridgeBrilleanNepalGintinneachd201614 an t-SamhainA' BhealaruisTexasAmeireaga-a-Tuath🡆 More