Is e àrc-eòlas no àrsaidheachd an roinn sgoilearachd a dhèiligeas le ro-eachdraidh.
Is e a tha ann an ro-eachdraidh na linntean a roimhe na h-eachdraidhean sgrìobhta a thàinig a-nìos chun latha an diugh. Fàsaidh na cunntasan nas tana nas fhàda a shùileas an sgoilar-eachdraidh air ais agus ged 's a tha cuid sgrìobhaidhean a dhol air ais ri (3000 RC) chan ann ach mirean de notaichean, ainmean air clachan cuimhne agus an leithid. Mar sin tha torr àrc-eòlais stèidhichte air an rannsachadh (le cladhadh gu faiceallach agus a' tomhais gach feart de) seann làraichean far an robh daoine a' còmhnaidh, neo a' coinneachadh neo a' tìodhlacadh na mairbh o chionn fhada. Mar sin thèid ath-chruthachadh air eachdraidh sòisealta ar sinnsearan tràth. 'S e àrc-eòlaiche a chanar ris an neach a tha an sàs ann an àrc-eòlas.
This article uses material from the Wikipedia Gàidhlig article Àrc-eòlas, which is released under the Creative Commons Attribution-ShareAlike 3.0 license ("CC BY-SA 3.0"); additional terms may apply (view authors). Tha an t-susbaint seo ri fhaighinn fo CC BY-SA 4.0 mur eil an caochladh 'ga innse. Images, videos and audio are available under their respective licenses.
®Wikipedia is a registered trademark of the Wiki Foundation, Inc. Wiki Gàidhlig (DUHOCTRUNGQUOC.VN) is an independent company and has no affiliation with Wiki Foundation.