'S e cuspair acadaimeagach a tha ann an Cànanachas.
Tha e a' dèiligeadh ri sgrùdadh cànain.
Tha cànanachas eachdraidheil a' sgrùdadh tùsan cànain agus an dòigh a tha cànanan ceangailte gu h-eachdraidheil ri a chèile.
Tha seimeotaig a' coimhead air pròiseasan shoighnichean, soighnichean/sìn agus samhlaichean agus air ciamar a chruthaichear agus ciamar a thuigear ciall fhacal. Coimheadaidh e air ciall fhacal fa-leth agus ann am buidhnean. Chan eil e dìreach a' cuingleachadh air conaltradh cànanach, ach thèid e nas fhaide, a' gabhail a-steach samhlaichean cultarail. Tha e ceangailte ri sgrùdadh litreachais, anailis conaltraidh, cànanachas teacsa agus feallsanachd cànain.
Cleachdaidh cànanachas gnìomhaichte (Beurla: applied linguistics) toraidhean bho roinnean cànanachais eile agus cuiridh e iad gu feum ann an roinnean eile. Gu tric cleachdar na toraidhean seo airson teagasg cànain, ach cuideachd ann am faclaireachd agus eadar-theangachadh.
An-diugh cleachdar coimpiutairean gu tric ann an roinnean cànanachais gnìomhaichte. Cleachdaidh co-thàthadh labhairt (speech synthesis) agus aithneachadh cànain (speech recognition) eòlas fogharach agus foineimeach gus eadar-aghaidhean gutha a dhèanamh airson coimpiutairean. Cuidichidh e cuideachd le eadar-theangachadh coimpiùtarail agus cuspairean coltach ri sin. Tha buaidh air na cùisean seo air teòiric co-chàraidh agus seimeantaig.
Is anailis cànanach fo-roinn cànanachais gnìomhaichte agus cleachdaidh riaghaltasan sin nàiseantachd dhaoine a dhearbhadh mur a bi iad gun chead-siubhail. Gu tric bidh sin a' tachairt ann an agallamh le neach-obrach ann an roinn in-imrich. Thèid an clàradh an uair sin a sgrùdadh, agus nithear co-dhùnaidhean mu dheidhinn ibhe fògarraich an duine.
Tha cànanachas mìneachail (Beurla: descriptive linguistics) a' sgrùdadh air mìneachadh agus aithris chànanan. 'S e an cuspair as sìne cànanachais a th' ann, agus thòisich e le Franz Boas tràth anns an 19mh linn gus an do dh'fhàs cànanachas structarail anns an 20mh linn. An toiseach bha ùidh cànanachais mìneachail ann an cànanan tùsanach a bha (agus a tha) ann an cunnart bàis. Bhon ùidh sin dh'fhàs cuspairean mar shòiseo-chànanachas, cànanachas antrap-eòlach, antrap-eòlas cànanach, cuspairean a sgrùdas ceanglaichean eadar cànan, cultar agus comain shòisealta.
An-diugh tha an ùidh sin air sgapadh thairis air na crìochan Ameireaga a Tuath, agus tha mòran prògraman cànain a' cur cuideam air aithris chànanan a tha a' bàsachadh gu luath. 'S e obair mhòr a th' ann am mìneachadh cànain, agus feumar rannsachadh fad bliadhnaichean agus feumaidh an cànanaiche an cànan ionnsachadh gu ìre àrd gus lorg-ghràmar a sgrìobhadh air a shon. Feumaidh an cànanaiche corpas mòr de theacsaichean, clàraidhean fuaim agus filmichean a chruinneachadh agus stòras dhiubh a chruthachadh, gus am faighear greim air airson rannsachaidhean a bharrachd.
Faic cuideachd: Cànanaiche
'S e cuspair acadaimeagach a tha ann an Cànanachas.
This article uses material from the Wikipedia Gàidhlig article Cànanachas, which is released under the Creative Commons Attribution-ShareAlike 3.0 license ("CC BY-SA 3.0"); additional terms may apply (view authors). Tha an t-susbaint seo ri fhaighinn fo CC BY-SA 4.0 mur eil an caochladh 'ga innse. Images, videos and audio are available under their respective licenses.
®Wikipedia is a registered trademark of the Wiki Foundation, Inc. Wiki Gàidhlig (DUHOCTRUNGQUOC.VN) is an independent company and has no affiliation with Wiki Foundation.