'S e cleasaiche, coireògrafaiche, neach-teagaisg agus neach-poileataigs à Innis Tìle a th' ann am Þórhildur Þorleifsdóttir (Ísafjörður, 25 am Màrt 1945).
B' e Thorleifur Guðmundsson, neach-gnìomhachais à Reykjavik agus a bhean Guðrún Bergsdóttir, bean-taighe, a bh' ann a cuid phàrantan. Tha i pòst aig an actair Arnar Jónsson à Akureyri agus tha còignear duine-cloinne aca. Fhuair i a cuid fhoghlaim aig Menntaskólinn á Akureyri, Sgoil Rìoghail Ballet agus Acadamaidh Rìoghail Dannsa ann an Lunnainn. Bha i na tìdsear aig Acadamaidh Nàiseanta nan Ealan, Sgoil SÁL, Sgoil tèatar Reykjavik agus Sgoil Dràma Innis Tìle fad bliadhnaichean, agus na Cleasaiche agus dealbhadair dannsa ann an iomadh àite cuideachd. Bha i na cleasaiche maireannach aig Companaidh Taigh-cluiche Akureyri bho 1973 gu ruige 1975, nuair a stèidhich i Taigh-cluiche an t-Sluaigh. Tha e air a bhith ag obair mar stiùiriche bhon a h-uile taigh-cluiche ann an Innis Tìle, opara Innis Tìle, telebhisean agus mar sin air adhart sa dùthaich aice fhèin. Bha i na bhall-pàrlamaid san Alþingi airson Reykjavík eadar 1987 agus 1991 airson Kvennalistinn (Gàidhlig: Liosta nam Ban). Bha i na cathraiche Comann Stiùirichean Innis Tìle bho 1982 air adhart agus na ball Bhòrd Comann Luchd-ealain Innis Tìle.
Þórhildur Þorleifsdóttir | |||||
---|---|---|---|---|---|
29 dhen Fhaoilleach 1990 - 28 dhen Ògmhios 1991 | |||||
Beatha | |||||
Breith | Ísafjörður, 25 dhen Mhàrt 1945 | ||||
Dùthaich | Innis Tìle | ||||
Teaghlach | |||||
Cèile | Arnar Jónsson (en) | ||||
Clann | |||||
Foghlam | |||||
Cànain | Innis Tìlis | ||||
Dreuchd | |||||
Dreuchd | actair, neach-poileataigs, dannsair, coireògrafaiche agus stiùiriche fhilmichean | ||||
Ballrachd | Seanadh Pàrlamaideach Comhairle na Roinn Eòrpa | ||||
Creideamh | |||||
Pàrtaidh poileataigeach | Kvennalistinn | ||||
IMDb | nm1802427 |
This article uses material from the Wikipedia Gàidhlig article Þórhildur Þorleifsdóttir, which is released under the Creative Commons Attribution-ShareAlike 3.0 license ("CC BY-SA 3.0"); additional terms may apply (view authors). Tha an t-susbaint seo ri fhaighinn fo CC BY-SA 4.0 mur eil an caochladh 'ga innse. Images, videos and audio are available under their respective licenses.
®Wikipedia is a registered trademark of the Wiki Foundation, Inc. Wiki Gàidhlig (DUHOCTRUNGQUOC.VN) is an independent company and has no affiliation with Wiki Foundation.